Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
In the classroom

Seòmar-teagaisg Sgoil a' Chnuic Bhàin a chaidh a thogail bho Sgìre Cnoc na Gaoithe, 8 mìle an iar air Inbhir Nis.Thogadh an togalach seo a-rithist ann an gàrraidhean Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Chithear, air èiginn, air taobh clì bonn an deilbh, an deasg àrd far am faigheadh an tidsear sealladh farsaing air an t-seòmar gu lèir. B' iad goireasan air leth feumail a bh' anns na clàran-dubha le sorchan orra, agus chithear fear an seo ri aghaidh an deilbh air an taobh dheas. B' urrainnear na clàran-dubha seo a thoirt bho aon bhuidheann sgoilearan gu buidheann eile dhiubh agus mar bu trice bhiodh barrachd air aon ac' anns na clasaichean co-aonaichte a bha cho cumanta ann an sgoiltean air an dùthaich.

Chithear barrachd ghoireasan teagaisg air balla-cùil an t-seòmair le mapaichean, clàran-aibidil is clàran-iomadachaidh nam measg. Tha mullach an t-seòmair anns an togalach àrd, rud a bhathas a' saoilsinn a bha a' toirt faireachdainn fallain dha, le uinneagan mòra a' cumail soillse is èadhar ri broinn an t-seòmair, gu mì-fhortanach bha seo a' fàgail nan seòmraichean duilich a bhlàthachadh. Ghabhadh an seòmar-teagaisg 45 duine cloinne is iad nan suidhe aig deasgan. Tha cunntasan bho 1926, ge-tà, ag innse nach robh ach 16 sgoilearan a' faighinn teagasg san t-seòmar agus feumaidh nach robh seo idir na annas rè beatha an togalaich.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeataireanean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatairean de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, agus is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaist le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach gus solas agus èadhar a chumail ri broinn an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Anns an t-seòmar-theagaisg

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

togte ro-làimh; togalaichean de iarann-preasach; togalach de iarann-preasach; seòmraichean-teagaisg; broinn seòmraichean-teagaisg; lìnigeadh fiodha; lìnig-fiodha; deasgan; deasg; clàr-dubh; clàran-dubha; clàran-dubha sorchain; clàran-aibidil; clàran-iomadachaidh

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Seòmar-teagaisg Sgoil a' Chnuic Bhàin a chaidh a thogail bho Sgìre Cnoc na Gaoithe, 8 mìle an iar air Inbhir Nis.Thogadh an togalach seo a-rithist ann an gàrraidhean Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Chithear, air èiginn, air taobh clì bonn an deilbh, an deasg àrd far am faigheadh an tidsear sealladh farsaing air an t-seòmar gu lèir. B' iad goireasan air leth feumail a bh' anns na clàran-dubha le sorchan orra, agus chithear fear an seo ri aghaidh an deilbh air an taobh dheas. B' urrainnear na clàran-dubha seo a thoirt bho aon bhuidheann sgoilearan gu buidheann eile dhiubh agus mar bu trice bhiodh barrachd air aon ac' anns na clasaichean co-aonaichte a bha cho cumanta ann an sgoiltean air an dùthaich.<br /> <br /> Chithear barrachd ghoireasan teagaisg air balla-cùil an t-seòmair le mapaichean, clàran-aibidil is clàran-iomadachaidh nam measg. Tha mullach an t-seòmair anns an togalach àrd, rud a bhathas a' saoilsinn a bha a' toirt faireachdainn fallain dha, le uinneagan mòra a' cumail soillse is èadhar ri broinn an t-seòmair, gu mì-fhortanach bha seo a' fàgail nan seòmraichean duilich a bhlàthachadh. Ghabhadh an seòmar-teagaisg 45 duine cloinne is iad nan suidhe aig deasgan. Tha cunntasan bho 1926, ge-tà, ag innse nach robh ach 16 sgoilearan a' faighinn teagasg san t-seòmar agus feumaidh nach robh seo idir na annas rè beatha an togalaich. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeataireanean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatairean de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, agus is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaist le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach gus solas agus èadhar a chumail ri broinn an togalaich