Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Madainn Samhraidh ann an Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2259
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34159
KEYWORDS
cidhe
sgoth-long
laimrig
Summer Morn at Kyle

Thogadh an dealbh seo on rathad a' dol gu cidhe na h-aiseig le Donnchadh Mac a' Phearsain, ann an sreath Bùth nan Cungaidhean ann an Caol Loch Aillse,Tha an dealbh a' sealltainn tarsainn chun an Eilein Sgitheanaich. Chuir Mac a' Phearsain a' bhùth-chungaidhean air chois ann an 1912, agus reic e an sin mòran dhe na dealbhan a thog e, mar chairtean-puist. Bha a' bhùth-chungaidhean ann an deagh àite, faisg air meadhan Chaol Loch Aillse agus an cidhe. On a thogadh drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995, tha an cidhe air a chleachdadh le bàtaichean a tha an sàs ann an turasachd, agus chan eil na sreathan charbadan a bhiodh aig aon àm air a' phrìomh rathad anns a' Chaol tro mhìosan an t-samhraidh a-nis ann.

Dh'fhaodadh e bhith gur ann le uachdaran anns an sgìre, 's dòcha o Oighreachdan Bhaile Mac Ara, Cill Fhaolain no a' Chomraich a bha an sgoth-long, agus gun robhar ga cleachdadh tron t-samhradh gus bathar a thogail on Chaol, a bharrachd air a bhith ga cleachdadh airson chur-seachadan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Madainn Samhraidh ann an Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

cidhe; sgoth-long; laimrig

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Thogadh an dealbh seo on rathad a' dol gu cidhe na h-aiseig le Donnchadh Mac a' Phearsain, ann an sreath Bùth nan Cungaidhean ann an Caol Loch Aillse,Tha an dealbh a' sealltainn tarsainn chun an Eilein Sgitheanaich. Chuir Mac a' Phearsain a' bhùth-chungaidhean air chois ann an 1912, agus reic e an sin mòran dhe na dealbhan a thog e, mar chairtean-puist. Bha a' bhùth-chungaidhean ann an deagh àite, faisg air meadhan Chaol Loch Aillse agus an cidhe. On a thogadh drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995, tha an cidhe air a chleachdadh le bàtaichean a tha an sàs ann an turasachd, agus chan eil na sreathan charbadan a bhiodh aig aon àm air a' phrìomh rathad anns a' Chaol tro mhìosan an t-samhraidh a-nis ann.<br /> <br /> Dh'fhaodadh e bhith gur ann le uachdaran anns an sgìre, 's dòcha o Oighreachdan Bhaile Mac Ara, Cill Fhaolain no a' Chomraich a bha an sgoth-long, agus gun robhar ga cleachdadh tron t-samhradh gus bathar a thogail on Chaol, a bharrachd air a bhith ga cleachdadh airson chur-seachadan