Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Acain. An t-Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2261
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34161
KEYWORDS
baile beag
cidhe
rèile
taigh-òsta
Kyleakin, Skye, & Kyle of Lochalsh

Is e a' chairt seo tè dhe na dealbhan bu tràithe a chaidh a chlò-bhualadh le Bùth nan Cungaidhean ann an Caol Loch Aillse. Tha Caol Loch Aillse fhathast a' faireachdainn mar bhaile beag iomallach a dh'aindeoin cidhe mòr agus deireadh loidhne nan trèanaichean. Tha am beagan thaighean a chithear, sgapte thall 's a bhos feadh na tìr chreagaich, ach 's e Taigh-òsta an Stèisean, leis an ainm Taigh-òsta Chaol Loch Aillse an dèidh seo, an togalach as motha agus as fhaide on chamara. Chaidh a cheannach le Companaidh Rèile na Gaidhealtachd ann an 1897, nuair a ràinig an rèile a Chaol Loch Aillse air a' cheann thall. Agus tha e ann an deagh àite faisg air a' chladach, a' sealltainn tarsainn gu Caol Acain anns an Eilean Sgitheanach. Ged a bha seirbheis aiseig on Chaol dhan Eilean Sgitheanach fad iomadh bliadhna, b' ann nuair a thogadh cidhe an rèile a thòisich am baile air fàs. Bhiodh bàtaichean-smùide a' tadhal gu cunbhalach air an cuairt do na h-Eileanan an Iar, a' tarraing luchd-turais a bharrachd air bathar agus litrichean, agus nuair a chaidh an àireamh de chàraichean am meud, dh' fhàs na h-aiseagan na bu mhotha agus mheudaich na goireasan anns a' Chaol

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Acain. An t-Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1910an

baile beag; cidhe; rèile; taigh-òsta

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection