Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Aillse agus Caisteal a' Mhaoil o Chaol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2286
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34186
KEYWORDS
aiseag
caisteal
loch
Loch Alsh and Castle Moil, from Kyleakin, Isle of Skye

Tè dhe na h-aiseagan-charbadan a bh' air an t-slighe eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcain air acair fo thobhta Caisteal a' Mhaoil. Mus tàinig na 50an, bha aiseagan na bu mhotha, a ghabhadh barrachd chàraichean, ag obair air an t-slighe eadar an an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. Ach nuair a mheudaich an àireamh dhaoine aig an robh càraichean, agus anns na mìosan trang fad an t-samhraidh, bhiodh sreathan fada a' fàs air gach taobh tro bhailtean Chaol Loch Aillse agus Chaol Àcain. O dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995, agus a b' fheudar do Chaledonain Mac a' Bhriùthainn sgur dhe na h-aiseagan, 's e an aon shlighe a tha a' dol "tarsainn na mara dhan Eilean Sgitheanach" o thìr-mòr, am bàt' aiseag beag ann an Caol Reatha nach bi ann ach ann am mìosan an t-samhraidh.

Tha stampa agus comharradh-postachd Inbhir Nis, 25mh dhen Lùnastal 1956, agus tha an neach a phost e ag ràdh: "Have now reached the Isle of Skye. Roads are practically non-existant, but scenery very beautiful"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Aillse agus Caisteal a' Mhaoil o Chaol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1950an

aiseag; caisteal; loch

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tè dhe na h-aiseagan-charbadan a bh' air an t-slighe eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcain air acair fo thobhta Caisteal a' Mhaoil. Mus tàinig na 50an, bha aiseagan na bu mhotha, a ghabhadh barrachd chàraichean, ag obair air an t-slighe eadar an an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. Ach nuair a mheudaich an àireamh dhaoine aig an robh càraichean, agus anns na mìosan trang fad an t-samhraidh, bhiodh sreathan fada a' fàs air gach taobh tro bhailtean Chaol Loch Aillse agus Chaol Àcain. O dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995, agus a b' fheudar do Chaledonain Mac a' Bhriùthainn sgur dhe na h-aiseagan, 's e an aon shlighe a tha a' dol "tarsainn na mara dhan Eilean Sgitheanach" o thìr-mòr, am bàt' aiseag beag ann an Caol Reatha nach bi ann ach ann am mìosan an t-samhraidh.<br /> <br /> Tha stampa agus comharradh-postachd Inbhir Nis, 25mh dhen Lùnastal 1956, agus tha an neach a phost e ag ràdh: "Have now reached the Isle of Skye. Roads are practically non-existant, but scenery very beautiful"