Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Coir' Uisg' , An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2293
ÀITE
Loch Coir' Uisge
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34193
KEYWORDS
loch
beanntan
aiseag
turasachd
Loch Coruisk, Isle of Skye

'S e Coruisk litreachadh an Beurla air Còir' Uisg'. Tha an loch ann an lag a dh'fhàg crìonadh o eigh-shruthan o chionn mìltean bhliadhnaichean, ach 's e na beanntan a tha ag èirigh o dhoimhneachd a tha ga fhàgail le coltas cho neo-shaoghalta agus tha a' cur ri cliù Choir' Uisg'. 'S e na h-atharraichean mòra san aimsir ann an diog no dhà, a dh'adhbharaich gun tuirt Sir Bhaltar Scott gur e loch gruamach, eagallach a bh' ann, nuair a bha sgrìobhadairean eile dhen bheachd gur e sealladh garbh ach sìtheil a bh' ann. Tha an loch air a bhith a' tarraing shreapadairean, luchd-coiseachd agus luchd-turais o thràth ann an linn Banrigh Bhioctòria agus a' chuid bu mhotha dhiubh a' tighinn anns a' bhàta tarsainn Loch Sgabhaig. On chidhe bheag, tha ceum a' leantail abhainn ghoirid Sgabhaig tarsainn nan creagan crìonte gu oir Loch Coir' Uisg'. Às a seo chithear druim eagach a' Chuilthinn gu math.

Tha an neach a rinn a' chairt seo on t-sreath a rinn Bùth nan Cungaidhean ann an Caol Loch Aillse ag innse mu dheidhinn sreath de dh'fhichead car ann an Caol Loch Aillse, 's gun ach aon aiseag a' dol tarsainn dhan Eilean Sgitheanach, agus b' fheudar dhaibh feitheamh trì uairean a thìde. Cha robh e na iongnadh gun robh a h-uile taigh-òsta anns an Eilean Sgitheanach làn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Coir' Uisg' , An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an; 1930an

loch; beanntan; aiseag; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e Coruisk litreachadh an Beurla air Còir' Uisg'. Tha an loch ann an lag a dh'fhàg crìonadh o eigh-shruthan o chionn mìltean bhliadhnaichean, ach 's e na beanntan a tha ag èirigh o dhoimhneachd a tha ga fhàgail le coltas cho neo-shaoghalta agus tha a' cur ri cliù Choir' Uisg'. 'S e na h-atharraichean mòra san aimsir ann an diog no dhà, a dh'adhbharaich gun tuirt Sir Bhaltar Scott gur e loch gruamach, eagallach a bh' ann, nuair a bha sgrìobhadairean eile dhen bheachd gur e sealladh garbh ach sìtheil a bh' ann. Tha an loch air a bhith a' tarraing shreapadairean, luchd-coiseachd agus luchd-turais o thràth ann an linn Banrigh Bhioctòria agus a' chuid bu mhotha dhiubh a' tighinn anns a' bhàta tarsainn Loch Sgabhaig. On chidhe bheag, tha ceum a' leantail abhainn ghoirid Sgabhaig tarsainn nan creagan crìonte gu oir Loch Coir' Uisg'. Às a seo chithear druim eagach a' Chuilthinn gu math.<br /> <br /> Tha an neach a rinn a' chairt seo on t-sreath a rinn Bùth nan Cungaidhean ann an Caol Loch Aillse ag innse mu dheidhinn sreath de dh'fhichead car ann an Caol Loch Aillse, 's gun ach aon aiseag a' dol tarsainn dhan Eilean Sgitheanach, agus b' fheudar dhaibh feitheamh trì uairean a thìde. Cha robh e na iongnadh gun robh a h-uile taigh-òsta anns an Eilean Sgitheanach làn