Ùrachadh mu Dheireadh 27/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgleat is deasg
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_006
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
342
KEYWORDS
Deasg
deasgan
sglèataichean
sglèat
clàr-cailc
peansailean sglèata
cailc
pìosan cailc, 1930an
a' chaitheamh
Slate and desk

Deasgan an t-seòmair-theagaisg aig Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Air na deasgan tha sglèataichean agus clobhdan a bhiodh a' chlann a b' òige a' cleachdadh. Bhithte gan cleachdadh le peansailean sglèata air neo cailc agus gan glanadh eadar na h-eacarsaichean aca. Tha an sgoil aig an taigh-thasgaidh a' tarraing dealbh air na 1930an nuair a bha sglèataichean bitheanta an cuid de sgìrean ach tearc an sgìrean eile. Tha e coltach gun deach cur às dhaibh sna 1920an is gun robh cunnart ann gun robh an nòs a bhith a' tilgeil smugaid air na sglèataichean, airson an glanadh, a' cur ri sgaoileadh a' chaitheimh.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeataireanean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach gus solas agus èadhar a chumail ri broinn an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgleat is deasg

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

Deasg; deasgan; sglèataichean; sglèat; clàr-cailc; peansailean sglèata; cailc; pìosan cailc, 1930an; a' chaitheamh

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Deasgan an t-seòmair-theagaisg aig Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Air na deasgan tha sglèataichean agus clobhdan a bhiodh a' chlann a b' òige a' cleachdadh. Bhithte gan cleachdadh le peansailean sglèata air neo cailc agus gan glanadh eadar na h-eacarsaichean aca. Tha an sgoil aig an taigh-thasgaidh a' tarraing dealbh air na 1930an nuair a bha sglèataichean bitheanta an cuid de sgìrean ach tearc an sgìrean eile. Tha e coltach gun deach cur às dhaibh sna 1920an is gun robh cunnart ann gun robh an nòs a bhith a' tilgeil smugaid air na sglèataichean, airson an glanadh, a' cur ri sgaoileadh a' chaitheimh. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeataireanean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach gus solas agus èadhar a chumail ri broinn an togalaich