Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Sgabhaig, Gars-Bheinn agus bonn Loch Coir' Uisg', An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2305
ÀITE
Loch Sgàbhaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34205
KEYWORDS
loch
beanntan
turasachd
dealbh-tìre
Loch Scavaig Garsven and the Foot of Loch Coruisk, Skye

Chan eil an sealladh annasach seo o na leathadan os cionn Loch Coir' Uisg' a' sealltainn mòran dhen loch fhèin. An àite sin, tha an camara a' coimhead chun an iar-dheas gu Loch Sgabhaig, seachad air an Eilean Reamhar agus Rubh' a' Gheodha Bhuidhe. Chithear Eilean Shòdhaigh aig a' chùl, le Rùm dìreach ri fhaicinn air fàire air an taobh chlì. Tha luchd-turais nach urrainn air neo nach eil deònach a' chuairt fhada gu Coir ' Uisg' a choiseachd air an toirt tarsainn Loch Sgabhaig ann am bàta à Ealaghol gu àite a tha mu chairteal a mhìle o Choir' Uisg'. Chithear Abhainn Sgabhaig a' falbh à ceann a deas Loch Coir' Uisg agus a' dol tarsainn nan creagan crìonte air an rathad chun na mara

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Sgabhaig, Gars-Bheinn agus bonn Loch Coir' Uisg', An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an; 1930an

loch; beanntan; turasachd; dealbh-tìre

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection