Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Coir' Uisg' , An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2313
ÀITE
Loch Coir' Uisge
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34213
KEYWORDS
loch
beanntan
dealbhh tìre
turasachd
neach-ealain
Loch Coruisk, Skye

Tha luchd-turais air a bhith air an tarraing dhan àite aonaranach seo bho thràth anns an 19mh linn, cuid dhiubh a' siubhal grunn mhìltean à Sligeachan, ach a mhòr-chuid a' gabhail bàta tarsainn Loch Sgabhaig bho Ealaghol. 'S ann on mhuir a thàinig Sir Bhaltar Scott an seo ann an 1814, agus shaoil e mòran dhen t-suidheachadh aige, ged a chunnaic e e ann an droch aimsir. Sgrìobh e anns an leabhar-latha aige "the high mountains of Quillen ... seemed to consist of precipitous sheets of naked rock, down which the torrents were leaping in a hundred lines of foam. The tops, apparently inaccessible to human foot, were rent and split into the most tremendous pinnacles".

Chaidh an dealbh nas ciùine a chithear an seo a pheantadh le Elmer Keene (1853 - 1929) a bha ag obair o dhealbh camara a rèir coltais. 'S e seo seòrsa dathach de QZP40_CARD_2318. Chaidh an obair aig Keene a chlò-bhualadh le barrachd is còig companaidhean deug eadar-dhealaichte, ach chleachadh a' chuid bu mhotha dhen obair aige anns an t-sreath 'Chic' a chaidh a chlò-bhualadh le Charles Worcester à Bristol. Bha seallaidhean le solais na gealaich a' nochdadh tric am measg nan dealbhan aig Keene

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Coir' Uisg' , An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

loch; beanntan; dealbhh tìre; turasachd; neach-ealain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha luchd-turais air a bhith air an tarraing dhan àite aonaranach seo bho thràth anns an 19mh linn, cuid dhiubh a' siubhal grunn mhìltean à Sligeachan, ach a mhòr-chuid a' gabhail bàta tarsainn Loch Sgabhaig bho Ealaghol. 'S ann on mhuir a thàinig Sir Bhaltar Scott an seo ann an 1814, agus shaoil e mòran dhen t-suidheachadh aige, ged a chunnaic e e ann an droch aimsir. Sgrìobh e anns an leabhar-latha aige "the high mountains of Quillen ... seemed to consist of precipitous sheets of naked rock, down which the torrents were leaping in a hundred lines of foam. The tops, apparently inaccessible to human foot, were rent and split into the most tremendous pinnacles".<br /> <br /> Chaidh an dealbh nas ciùine a chithear an seo a pheantadh le Elmer Keene (1853 - 1929) a bha ag obair o dhealbh camara a rèir coltais. 'S e seo seòrsa dathach de QZP40_CARD_2318. Chaidh an obair aig Keene a chlò-bhualadh le barrachd is còig companaidhean deug eadar-dhealaichte, ach chleachadh a' chuid bu mhotha dhen obair aige anns an t-sreath 'Chic' a chaidh a chlò-bhualadh le Charles Worcester à Bristol. Bha seallaidhean le solais na gealaich a' nochdadh tric am measg nan dealbhan aig Keene