Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Coir' Uisg' agus a' Chuilthionn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2317
ÀITE
Loch Coir' Uisge
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34217
KEYWORDS
loch
beanntan
dealbhh tìre
turasachd
Loch Coruisk and the Coolins

Tha an sealladh seo o aonach Sgùrr na Strì, a' sealltainn gu follaiseach suidheachadh Loch Coir Uisg, an teis meadhan A' Chuilthinn. 'S e "Coruisk" dreach na Beurla air Coir' Uisg' no Coire Uisge. Tha an loch ann an lag a chruthaicheadh le crìonadh o eigh-shruthan o chionn mhìltean bhliadhnaichean, ach 's e na beanntan mu thimcheall a tha ag èirigh bho a dhoimhneachd, a tha a' cruthachadh an fhaireachdainn neo-thalmhaidh a th' air Coir' Uisg' a dhèanamh cho ainmeil. B' e na h-atharraichean uabhasach anns an aimsir a gheibhear ann an ùine glè bheag, a thug air Sir Bhaltar Scott bruidhinn air 'stern, dread lake', nuair a bha sgrìobhadairean eile a' bruidhinn air àite sìtheil ach garbh. Tha an loch air a bhith a' tarraing shreapadairean, luchd-coiseachd agus luchd-turais bho thràth an linn Banrigh Bhioctòria, a' mhòr-chuid a' tighinn ann am bàta bho Ealaghol, tarsainn Loch Sgabhaig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Coir' Uisg' agus a' Chuilthionn

INBHIR NIS: An Srath

1920an; 1930an

loch; beanntan; dealbhh tìre; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection