Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Eilean Sgitheanach agus An Cuiltheann à Cùl na Ceapaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2355
ÀITE
Cùl na Ceapaich
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34260
KEYWORDS
Arasaig
A' Cheapach
film
The Isle of Skye and the Cuillin Hills from the Back of Keppoch, Arisaig

Chaidh an dealbh dhathte seo a thogail ann an Cùl na Ceapaich faisg air Arasaig air tìr-mòr. 'S ann air an rathad seo eadar An Gearasdan agus Malaig a gheibhear a' chiad sealladh den Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach. Tha luchd-turais gu math measail air an t-slighe seo air a bheil 'Rathad nan Eilean' mar thoradh air na seallaidhean iongantach a tha rim faicinn. Faodar a dhol don Eilean Sgitheanach bho thìr-mòr tro Chaol Loch Aillse no air an aiseig eadar Malaig is Armadal ann an rubha Shlèite. Chithear sealladh den ghainmhich bhrèagha bhàin a tha ri fhaicinn air a' chladach seo. Bidh tòrr dhaoine a tha measail air tràighean a' dol ann nuair a bhios deagh thìde ann. 'S ann faisg air seo a chaidh cuid den fhilmeadh a dhèanamh airson an fhilm Local Hero

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Eilean Sgitheanach agus An Cuiltheann à Cùl na Ceapaich

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1950an

Arasaig; A' Cheapach; film

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection