Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad dhan Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2361
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34266
KEYWORDS
rathad
Tòmas Telford
dròbhaireachd
Path to Isle of Skye

Dh'fhaodadh e bhith gur e an rathad a thathar a' coimhead an rathad o Ghleann Eilge gu Gleann Seile, tarsainn a' bhealaich eadar Beinn a' Chùirn (603m) agus Beinn a' Chaoinich, agus an uair sin tarsainn Màm Ràtagan, le seallaidhean àlainn gu Loch Dubhaich agus Còig Peathraichean Chinn Tàile. Aig aon àm b' e prìomh rathad dròbhaireachd a bh' ann, le crodh o na h-Eileanan an Iar agus on Eilean Sgitheanach air an iomain tarsainn a' chaolais aig Caol Reatha gu Gleann Eilg air tìr-mòr, tarsainn Drochaid Sheile, Cluainidh agus an uair sin gu na margaidhean an Craoibh agus anns an Eaglais Bhric.

Chan eil teagamh ann nach e togail taigh-feachd Bheàrnaraigh, faisg air Gleann Eilg, air an do chuireadh crìoch ann an 1723, a rinn cinnteach gun robh an rathad air a ghleidheadh airson nan saighdearan, ach 's e Tòmas Telford am fear a thog rathad ceart air an t-slighe seo, a chaidh a chrìochnachadh ann an 1819.

Thathar tric a' toirt iomradh air an t-slighe seo mar an rathad àlainn dhan Eilean Sgitheanach, gu h-àraidh on a chaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich aig Caol loch Aillse an àite na h-aiseig "over the sea". Tha aiseag bheag, a bheir leatha sia càraichean, a' ruith eadar Caol Reatha agus Gleann Eilge as t-samhradh agus a' ceangal a' bhaile iomallaich seo ris an Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad dhan Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1910an; 1920an

rathad; Tòmas Telford; dròbhaireachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Dh'fhaodadh e bhith gur e an rathad a thathar a' coimhead an rathad o Ghleann Eilge gu Gleann Seile, tarsainn a' bhealaich eadar Beinn a' Chùirn (603m) agus Beinn a' Chaoinich, agus an uair sin tarsainn Màm Ràtagan, le seallaidhean àlainn gu Loch Dubhaich agus Còig Peathraichean Chinn Tàile. Aig aon àm b' e prìomh rathad dròbhaireachd a bh' ann, le crodh o na h-Eileanan an Iar agus on Eilean Sgitheanach air an iomain tarsainn a' chaolais aig Caol Reatha gu Gleann Eilg air tìr-mòr, tarsainn Drochaid Sheile, Cluainidh agus an uair sin gu na margaidhean an Craoibh agus anns an Eaglais Bhric.<br /> <br /> Chan eil teagamh ann nach e togail taigh-feachd Bheàrnaraigh, faisg air Gleann Eilg, air an do chuireadh crìoch ann an 1723, a rinn cinnteach gun robh an rathad air a ghleidheadh airson nan saighdearan, ach 's e Tòmas Telford am fear a thog rathad ceart air an t-slighe seo, a chaidh a chrìochnachadh ann an 1819.<br /> <br /> Thathar tric a' toirt iomradh air an t-slighe seo mar an rathad àlainn dhan Eilean Sgitheanach, gu h-àraidh on a chaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich aig Caol loch Aillse an àite na h-aiseig "over the sea". Tha aiseag bheag, a bheir leatha sia càraichean, a' ruith eadar Caol Reatha agus Gleann Eilge as t-samhradh agus a' ceangal a' bhaile iomallaich seo ris an Eilean Sgitheanach