Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Cuiltheann bho Loch Sgabhaig, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2362
ÀITE
Loch Sgàbhaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34267
KEYWORDS
beanntan
loch
Loch na Cuilce
an Cuiltheann
Loch Sgabhaig
Bhaltar Scott
JMW Mac an Tùrnair
The Cuillin from Loch Scavaig, Skye

Ged a tha an tiotal ag ainmeachadh a' Chuilthinn, leis a' cheò ìseal, chan eil mòran ann ach grad-shealladh dhe na beanntan anns an dealbh seo. Tha an dath dorcha air an dealbh seo a' sealltainn dealbh-tìre lom, gruamach, garbh nach eil a' dèanamh ceartas do dh'eireachdas an t-seallaidh. Tha an sgìre seo, anns a h-uile aimsir, air a bhith a' tarraing luchd-turais, Sir Bhaltar Scorr agus JMW Mac an Tùrnair nam measg. Mar a rinn an luchd-turais seo a thàinig ann an toiseach, bidh a' chuid as motha a' tighinn ann am bàta tarsainn Loch Sgabhaig bho Ealaghol, agus an uair sin a' coiseachd gu Loch Coir' Uisg' agus a-steach dhan Chuiltheann. Tha an dealbh seo a' sealltainn Loch na Cuilce, ann an Loch Sgabhaig leis an Eilean Ghlas anns a' mheadhan air an taobh chlì. Anns a' mheadhan san dealbh tha na beanntan ag aomadh gu far a bheil Abhainn Sgabhaig a' sruthadh bho Loch Coir' Uisg dhan loch

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Cuiltheann bho Loch Sgabhaig, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1930an; 1940an

beanntan; loch; Loch na Cuilce; an Cuiltheann; Loch Sgabhaig; Bhaltar Scott; JMW Mac an Tùrnair

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection