Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sara Stackhouse, bean an 23mh Ceann-cinnidh a' Chlann Mhic Leòid
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2409
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34315
KEYWORDS
dealbh
cinneadh
MacLeòid
caisteal
Raeburn
Sarah Stackhouse, wife of 23rd Chief of MacLeod

'S e sreath de chairtean-puist a tha seo a' sealltainn dhealbhan air am peantadh de sheallaidhean bho bhroinn Caisteal Dhùn Bheagan a bha 's dòcha air an reic nuair a dh'fhosgail an caisteal airson a' chiad uair don phoball ann an 1933. A dh'aindheoin an tiotail 'Sarah' a tha air a' chairt-phuist an dèidh bean an 20mh Ceann-cinnidh de Chlann MhicLeòid, 's i an dara bean aig an t-Seanalair Tormod MacLeòid, an 23mh Ceann-cinnidh, a bh' ann an Sara Stackhouse agus phòs iad ann an 1784. Ghabh esan tiotal a' Chinn-cinnidh bho a sheanair ann an 1772 ach chaidh e a-steach don arm gus fiachan an teaghlaich a phàigheadh. Chuir e seachad tìde anns na Stàitean Aonaichte agus an uair sin ann na h-Innseachan san Fhreiceadan Dhubh agus, ann an 1783, chaidh àrdachadh gu bhith na Sheanalair. Thill e a Dhùn Bheagan ann an 1789 còmhla ri Sara, an nighean aig Nathaniel Stackhouse, agus a bha na bhall de Chomhairle Bombay.

Cha do chòrd sàmhchair a bheatha ann an àite fuar mar Dùn Bheagan ris an t-Seanalair Tormod agus thòisich e a' dèanamh ath-thogail air a' chaisteal gus am biodh e na dhachaigh na bu bhlàithe agus na bu chofhurtaile, agus aig an aon àm dh'fheuch e ri tòiseachadh ann an obair phoilitigs. B' e obair dhaor a bh' anns na dà dhiubh agus chaidh pìosan mòra de dh'oighreachd MhicLeòid a reic gus airgead a thogail dhaibh. Bha ochdnar chloinne eadar e fhèin 's a bhean ged a chaochail feadhainn dhiubh 's iad nan leanabhan. Chaochail Tormod ann an 1801 agus chaochail Sara ann an 1822.

Tha an dealbh seo mar phàirt de phaidhir a tha crochte anns an rùm-bìdh ann an Caisteal Dhùn Bheagan leis an fhear eile air a dhèanamh den duine aice. Chaidh am peantadh leis a' mhorair Henry Raeburn a bha na pheantair ainmeil de dhaoine cudromach aig an àm sin. Tha paidhir de dhealbhan eile den dithis, a tha cheart cho mòr riutha agus a chaidh a pheantadh na bu thràithe leis a' pheantair Ghearmailteach Johann Zoffany, crochte anns an Rùm-suidhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sara Stackhouse, bean an 23mh Ceann-cinnidh a' Chlann Mhic Leòid

INBHIR NIS: Diùirinis

1930an

dealbh; cinneadh; MacLeòid; caisteal; Raeburn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

'S e sreath de chairtean-puist a tha seo a' sealltainn dhealbhan air am peantadh de sheallaidhean bho bhroinn Caisteal Dhùn Bheagan a bha 's dòcha air an reic nuair a dh'fhosgail an caisteal airson a' chiad uair don phoball ann an 1933. A dh'aindheoin an tiotail 'Sarah' a tha air a' chairt-phuist an dèidh bean an 20mh Ceann-cinnidh de Chlann MhicLeòid, 's i an dara bean aig an t-Seanalair Tormod MacLeòid, an 23mh Ceann-cinnidh, a bh' ann an Sara Stackhouse agus phòs iad ann an 1784. Ghabh esan tiotal a' Chinn-cinnidh bho a sheanair ann an 1772 ach chaidh e a-steach don arm gus fiachan an teaghlaich a phàigheadh. Chuir e seachad tìde anns na Stàitean Aonaichte agus an uair sin ann na h-Innseachan san Fhreiceadan Dhubh agus, ann an 1783, chaidh àrdachadh gu bhith na Sheanalair. Thill e a Dhùn Bheagan ann an 1789 còmhla ri Sara, an nighean aig Nathaniel Stackhouse, agus a bha na bhall de Chomhairle Bombay.<br /> <br /> Cha do chòrd sàmhchair a bheatha ann an àite fuar mar Dùn Bheagan ris an t-Seanalair Tormod agus thòisich e a' dèanamh ath-thogail air a' chaisteal gus am biodh e na dhachaigh na bu bhlàithe agus na bu chofhurtaile, agus aig an aon àm dh'fheuch e ri tòiseachadh ann an obair phoilitigs. B' e obair dhaor a bh' anns na dà dhiubh agus chaidh pìosan mòra de dh'oighreachd MhicLeòid a reic gus airgead a thogail dhaibh. Bha ochdnar chloinne eadar e fhèin 's a bhean ged a chaochail feadhainn dhiubh 's iad nan leanabhan. Chaochail Tormod ann an 1801 agus chaochail Sara ann an 1822.<br /> <br /> Tha an dealbh seo mar phàirt de phaidhir a tha crochte anns an rùm-bìdh ann an Caisteal Dhùn Bheagan leis an fhear eile air a dhèanamh den duine aice. Chaidh am peantadh leis a' mhorair Henry Raeburn a bha na pheantair ainmeil de dhaoine cudromach aig an àm sin. Tha paidhir de dhealbhan eile den dithis, a tha cheart cho mòr riutha agus a chaidh a pheantadh na bu thràithe leis a' pheantair Ghearmailteach Johann Zoffany, crochte anns an Rùm-suidhe