Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' ghrian a' dol fodha, Loch Sgabhaig, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2426
ÀITE
Ealaghol
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34332
KEYWORDS
beanntan
dealbh-tìre
loch
The Setting Sun, Loch Scavaig, Isle of Skye

Tha na seallaidhean dhen Chuilthinn anns an Eilean Sgitheanach o chosta an iar rubha Srath na Àirde mìorbhaileach aig àm sam bith dhen latha, no ri aimsir sam bith, agus is fhiach iad an ùine air an rathad chàm aon-shligheach on Àth Leathann gu Ealaghol. Tha Gars-Bheinn (895m, 2936 tr.), a tha ag èirigh dìreach on mhuir, aig ceann prìomh dhruim a' Chuilthinn, agus is i a' bheinn as fhaide gu deas dhe na beanntan, le seallaidhean o mullach sìos gu Loch Coir' Uisg' air aon taobh, agus Caolas Shòdhaigh air an taobh eile. Gam faicinn an seo ann an sgàil-riochd aig àm dol fodha na grèine, tha e doirbh eilean Shòdhaigh aithneachadh air an taobh chlì de Ghars-Bheinn, seach Rubh' an Dùnain, an rubha aig a' chùl a tha a' sgaradh Loch Bhreadail o Loch Sgabhaig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' ghrian a' dol fodha, Loch Sgabhaig, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an

beanntan; dealbh-tìre; loch

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection