Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Eilean Sgitheanach, Port Rìgh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2470
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34375
KEYWORDS
baile beag
bàgh
cnuic
taigh-òsta
Isle of Skye, Portree

Tha Bàgh Phort Rìgh a' fosgail bhar Caolas Ratharsaigh cha mhòr mu choinneamh meadan an eilein sin. Tha mìle gu leth de leud anns a' Bhàigh aig a bheul leis a' bheinn aithnichte Beinn Thianabheag chun a làimh dheis agus Beinn Chracaig chun a làimh chlì a bhios ga dhèanamh na rathad snog a-steach don Eilean Sgitheanach. Chithear Rubha Bhriscaig air a làimh dheis a' stobadh a-mach chun a' Bhàigh gus Camas Bàn a chruthachadh air a chùlaibh a tha na àite sònraichte do mhuinntir Phort Rìgh airson cuirmean-cnuic.

Air sgàth 's gu bheil e air a dìon bhon a' ghaoith air gach taobh thathar a' meas cala Phort Rìgh mar aon de na calaidhean as fhasgach air an Taobh an Iar. Tha am Meall no 'an Lump' mar a chanas muinntir an àite, ann am meadhan an t-seallaidh seo le taighean-croite An t-Sligneach air a' chladach. Ann an cunntas-sluaigh 1851 b' e An t-Sligneach a bha air an sreath seo de thaighean a tha a' ciallachadh 'shelly' anns a' Ghàidhlig ach 's e 'Bayfield' a th' air an-diugh. B' ann an seo cuideachd a bha stèisean-iasgaich nam bradan agus tha na raointean-tiormachaidh airson nan lìon fhathast an sin ged a tha na sreathan talmhainn air cùlaibh gach taigh an deidh bhith air a thoirt a-steach mar phàirt den làraich far a bheil an ospadal an-diugh.

Cha mhòr nach fhaicear Taigh Viewfield a-measg nan craobhan air a làimh dheis. Tha an teaghlach MhicDhòmhnaill air an taigh seo à anmoch anns an 18mh linn a leasachadh tro na bliadhnaichean agus ged a tha e na thaigh-òsda air a ruith leis an sìn sìn ogha a' chiad MhicDhòmhnaill a dh'fhuirich anns an taigh, tha e fhathast coltach ris an seann dachaigh a bha ann leis na seann dealbhan-teaghlach agus cuimhneachain eile às na linntean roimhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Eilean Sgitheanach, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

baile beag; bàgh; cnuic; taigh-òsta

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha Bàgh Phort Rìgh a' fosgail bhar Caolas Ratharsaigh cha mhòr mu choinneamh meadan an eilein sin. Tha mìle gu leth de leud anns a' Bhàigh aig a bheul leis a' bheinn aithnichte Beinn Thianabheag chun a làimh dheis agus Beinn Chracaig chun a làimh chlì a bhios ga dhèanamh na rathad snog a-steach don Eilean Sgitheanach. Chithear Rubha Bhriscaig air a làimh dheis a' stobadh a-mach chun a' Bhàigh gus Camas Bàn a chruthachadh air a chùlaibh a tha na àite sònraichte do mhuinntir Phort Rìgh airson cuirmean-cnuic.<br /> <br /> Air sgàth 's gu bheil e air a dìon bhon a' ghaoith air gach taobh thathar a' meas cala Phort Rìgh mar aon de na calaidhean as fhasgach air an Taobh an Iar. Tha am Meall no 'an Lump' mar a chanas muinntir an àite, ann am meadhan an t-seallaidh seo le taighean-croite An t-Sligneach air a' chladach. Ann an cunntas-sluaigh 1851 b' e An t-Sligneach a bha air an sreath seo de thaighean a tha a' ciallachadh 'shelly' anns a' Ghàidhlig ach 's e 'Bayfield' a th' air an-diugh. B' ann an seo cuideachd a bha stèisean-iasgaich nam bradan agus tha na raointean-tiormachaidh airson nan lìon fhathast an sin ged a tha na sreathan talmhainn air cùlaibh gach taigh an deidh bhith air a thoirt a-steach mar phàirt den làraich far a bheil an ospadal an-diugh.<br /> <br /> Cha mhòr nach fhaicear Taigh Viewfield a-measg nan craobhan air a làimh dheis. Tha an teaghlach MhicDhòmhnaill air an taigh seo à anmoch anns an 18mh linn a leasachadh tro na bliadhnaichean agus ged a tha e na thaigh-òsda air a ruith leis an sìn sìn ogha a' chiad MhicDhòmhnaill a dh'fhuirich anns an taigh, tha e fhathast coltach ris an seann dachaigh a bha ann leis na seann dealbhan-teaghlach agus cuimhneachain eile às na linntean roimhe