Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Thoir an aire don tidsear
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_009
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
344
KEYWORDS
deasg
deasgan
sglèat
sglèataichean
clàran-cailc
preas leabharlainn
preasan leabharlainn
companaidhean aodach-fighte
Pay attention to the teacher

Broinn seòmar-teagaisg Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd is e a' toirt samhla air leasan bho na 1930an. Chaidh an sgoil a ghluasad bho Sgìre Cnoc na Gaoithe, 8 mìle an iar air Inbhir Nis, gu an taigh-tasgaidh aig Baile Ùr an t-Slèibh, Siorrachd Inbhir Nis air Gàidhealtachd na h-Alba, agus chaidh a fosgladh as t-earrach 2000. Fhuaireas lorg air na deasgan anns an togalach, is iad air an cur ann an stòr nuair nach robhas ag ùisneachadh an togalaich mar sgoil tuilleadh. 'S ged a bha rùm gu leòr ann dha 45 duine cloinne, tha e coltach nach robh ann riamh ach 16 dhiubh aig an aon àm. Air na deasgan tha sglèataichean agus clobhdan air na sgoilearan a b' òige.

Air cùl an tidseir tha preas anns am biodh leabhraichean. B' e seo fear am measg iomadh preasa leabharlainn a chaidh a thoirt seachad do sgoiltean air feadh Alba leis a' chompanaidh aodach-fighte, Coates à Pàislig, is cuid aca gan cur gu feum fhathast. Chithear uinneagan mòra a chumadh mòran solais ris an t-seòmar.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Thoir an aire don tidsear

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

deasg; deasgan; sglèat; sglèataichean; clàran-cailc; preas leabharlainn; preasan leabharlainn; companaidhean aodach-fighte

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Broinn seòmar-teagaisg Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd is e a' toirt samhla air leasan bho na 1930an. Chaidh an sgoil a ghluasad bho Sgìre Cnoc na Gaoithe, 8 mìle an iar air Inbhir Nis, gu an taigh-tasgaidh aig Baile Ùr an t-Slèibh, Siorrachd Inbhir Nis air Gàidhealtachd na h-Alba, agus chaidh a fosgladh as t-earrach 2000. Fhuaireas lorg air na deasgan anns an togalach, is iad air an cur ann an stòr nuair nach robhas ag ùisneachadh an togalaich mar sgoil tuilleadh. 'S ged a bha rùm gu leòr ann dha 45 duine cloinne, tha e coltach nach robh ann riamh ach 16 dhiubh aig an aon àm. Air na deasgan tha sglèataichean agus clobhdan air na sgoilearan a b' òige.<br /> <br /> Air cùl an tidseir tha preas anns am biodh leabhraichean. B' e seo fear am measg iomadh preasa leabharlainn a chaidh a thoirt seachad do sgoiltean air feadh Alba leis a' chompanaidh aodach-fighte, Coates à Pàislig, is cuid aca gan cur gu feum fhathast. Chithear uinneagan mòra a chumadh mòran solais ris an t-seòmar. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich