- TIOTAL
- An Cuiltheann o Bhruach na Frìthe
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_2543
- ÀITE
- Sligeachan
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1920an; 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 34449
- KEYWORDS
- beanntan
sreap

O mhullach Bruach na Frìthe (958m, 3143 troigh), tha na beanntan, dromannan agus creagan briste basalt aig a' Chuiltheann a' sìneadh a-mach nan glòir air gach taobh. A dh'aindeoin a bhith na Mhunro, chan eil Bruach na Frìthe air a mheas ro dhoirbh, ged a gheibhear sàr shealladh bhuaithe air druim a' Chuilthinn. B' e seo an dara beinn dhen Chuiltheann a chaidh a shreap, agus bha sin ann an 1845, nuair a ràinig an t-Ollamh J. D. Foirbeis agus Donnchadh Mac an t-Saoir gille-taic às an sgìre am mullach à Sligeachan