Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coire na Creiche, Beanntan a' Chuilthinn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2550
ÀITE
Coire na Creiche
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1910an; 1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34455
KEYWORDS
beanntan
trasgadh-làimh
Coire na Creiche
MacDhòmhnaill
MacLeòid
Corrie-na-Creigh, Coolin Mts., Skye

Tha an dealbh dhathte seo a' sealltainn farsaingeachd Choire na Creiche, agus chan e Corrie na Creigh mar a tha air a' chairt. Gabhaidh e a ruighinn an dèidh coiseachd bho rathad Ghleann Breadail. Tha an dath a' bogachadh cùl-raon eireachdail a' Chuilthinn Duibh agus 's e fìor chuairt bhrèagha a th' ann. Air latha soilleir samhraidh tha Glumagan nan Sìthichean air an t-slighe na àite fìor fhreagarrach airson snàmh no cuirm-chnuic. A' tionndadh gu cuspair nas duirche, b' ann an seo a ghabh am batal mu dheireadh eadar Clann 'Ic Leòid agus na Dòmhnallach àite ann an 1601. A' leantainn fasan leis an ainm 'handfasting' an dèidh dha Dòmhnallach Dhùn Tuilm Mairead, aon de pheathraichean Ruairidh Mhòir Mhic Leòid a bha aige air deuchainn bliadhna, a thilleadh dhachaigh bho nach robh i a' còrdadh ris. Chaidh Mairead a bha air leth-shùil, a thilleadh dhachaigh air each le aon sùil a bha air a threòrachadh le gille-eich air aon sùil a bha air a leantainn le cù le aon sùil. Às dèidh seo, phiobraich MacDhòmhnaill còmhstri a dh'adhbhraich murt is marbhadh fad is farsaing am measg nan cinnidhean leis a' chasgradh a' tighinn gu crìch dà bliadhna às dèidh sin aig Coire na Creiche

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coire na Creiche, Beanntan a' Chuilthinn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1910an; 1920an

beanntan; trasgadh-làimh; Coire na Creiche; MacDhòmhnaill; MacLeòid

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection