Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Marsco. Famhair anns a' Chuiltheann bho os cionn Taigh-Òsta Shligeachan
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2572
ÀITE
Sligeachan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34475
KEYWORDS
beanntan
sreap
dealbh-tìre
taigh-òsta
Marsco. A giant amongst the Cuillins from above Sligachan Hotel, Isle of Skye

'S e Marsco le mheudachd sàr fhollaiseach anns an t-sealladh aig ceann Gleann Shligeachan. Le ghualainn annasach a' nodhadh air fàire, tha Marsco so-aithnichte. Gu mòr ann am fàbhar le coisichean agus sreapadairean, tha e furasta a ruigsinn à Sligeachan, ionad-sreap ainmeil anns an Eilean Sgitheanach. Gheibhear chun a' mhullaich le slighe nach eil ro dhuilich, tro bhoglaichean agus feur agus nas àirde shuas beagan sgàirneach. Ged nach eil e na Mhunro, tha an àirde aige a leigeil leis an sreapadair seallaidhean mìorbhaileach fhaicinn. Chithear an slighe à Sligeachan tron ghleann gu soilleir air a' chairt seo, air an taobh dheas dhen taigh. Tha an t-slighe tro Ghleann Shligeachan, anns a' bheil ochd mìle a dh'fhaid, a' dol gu Loch Coir' Uisg agus Loch Sgabhaig.
Tha Taigh-Òsta Shligeachan faisg air an drochaid tarsainn na h-àibhne

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Marsco. Famhair anns a' Chuiltheann bho os cionn Taigh-Òsta Shligeachan

INBHIR NIS: Port Rìgh

1930an; 1940an

beanntan; sreap; dealbh-tìre; taigh-òsta

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e Marsco le mheudachd sàr fhollaiseach anns an t-sealladh aig ceann Gleann Shligeachan. Le ghualainn annasach a' nodhadh air fàire, tha Marsco so-aithnichte. Gu mòr ann am fàbhar le coisichean agus sreapadairean, tha e furasta a ruigsinn à Sligeachan, ionad-sreap ainmeil anns an Eilean Sgitheanach. Gheibhear chun a' mhullaich le slighe nach eil ro dhuilich, tro bhoglaichean agus feur agus nas àirde shuas beagan sgàirneach. Ged nach eil e na Mhunro, tha an àirde aige a leigeil leis an sreapadair seallaidhean mìorbhaileach fhaicinn. Chithear an slighe à Sligeachan tron ghleann gu soilleir air a' chairt seo, air an taobh dheas dhen taigh. Tha an t-slighe tro Ghleann Shligeachan, anns a' bheil ochd mìle a dh'fhaid, a' dol gu Loch Coir' Uisg agus Loch Sgabhaig.<br /> Tha Taigh-Òsta Shligeachan faisg air an drochaid tarsainn na h-àibhne