Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Beanntan Dearga (Coille An Ridire Dòmhnallach), An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2575
ÀITE
Sgonnsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34478
KEYWORDS
beinn
An Ridire Dòmhnallach
caoraich
The Red Hills (Lord Macdonald's Forest), Skye

Tha mullach biorach Ghlàmaig ag èirigh suas air an raon aghaidh san dealbh seo, le Rubha Eighre air Eilean Ratharsaigh a' sìneadh a-mach dhan chaolas air an làimh chlì, agus tìr-mòr air fàire. Tha a' chiad iomradh "Coille an Ridire Dhòmhnallaich" a' beantainn ri ceàrnaidh a bha air a chleachdadh airson sealg. Ann am meadhan nan 1800an, bha mòran luchd-seilbh talmhainn ag atharrachadh an cuid fearainn bho thuathanas chaorach gu frìthean. Bha tuathanas chaorach a' dèanamh nas lugha de theachd-a-steach air sgàth steach-mhalairt shaor, steach-imrich agus dìth ath-thasgaidh san fhearann fhèin leis an luchd-seilbh. Bha daoine, aig an robh barrachd airgid airson a chosg air cur-seachadan agus ag atharrais rìoghalachd a thaobh ghnothaichean Albannach, a' dèanamh gu tuath, airson na beatha dhùthchasail agus duais de chabair fèidh. Ann an 1884, tha frìthean an Ridire Dhòmhnallaich air an clàradh aig 10,350 acair. Tha an dealbh seo a' sealltainn pàirt de fhrìth Sgonnsair. Thar nam bliadhnachan, bha frìth an Ridire Dhòmhnallaich aig amannan air a leigeil a-mach air mhàl gu diofar luchd-gabhail agus chaidh loidse a thogail ann an Sgonnsair timcheall air 1884. Dh'adhbhraich na frìthean briseadh nan coimhearsnachdan gu ìre glè mhòr, le daoine air am fuadach gus barrachd talmhainn fhuasgladh airson nam frìthean agus bha aig na daoine a dh'fhuirich ri dèiligeadh ri sgrios a' bhàrr le na fèidh. Chuir na gnothaichean seo gu mòr ri aimhreit choitcheann deireadh nan 1800an, agus bha iad mar phàirt de dh'ath-leasachadh an fhearainn san fharsaingeachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Beanntan Dearga (Coille An Ridire Dòmhnallach), An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an

beinn; An Ridire Dòmhnallach; caoraich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection