Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' cluich le 'girds and cleeks'
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_014
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
345
KEYWORDS
girds and cleeks
cur-seachadan traidiseanta
dèideagan traidiseanta
gobha
gobhaichean
cuibhlichean phram
cuibhlichean bhaidhsagal
cearcaill iarainn thocasaid
Playing with girds and cleeks

Clann taobh a-muigh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Tha a' chlann a' cluich le 'girds and cleeks', cur-seachad a bh' aig mòran aig deireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn. 'S e cearcall iarainn le eadar 60cm agus 90cm de thrast-thomhas ann a bh' ann an 'gird' agus bhithte ga ghluasad le slat iarainn air an robh 'cleek'. B' e gobha an àite a bhiodh a' dèanamh nan dèideagan seo ach bha mòran dhreachan ùr-ghnathaichte orra; cuilbhlichean bhaidhsagalan agus phramaichean agus cearcaill iarainn thocasaidean nam measg.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' cluich le 'girds and cleeks'

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

girds and cleeks; cur-seachadan traidiseanta; dèideagan traidiseanta; gobha; gobhaichean; cuibhlichean phram; cuibhlichean bhaidhsagal; cearcaill iarainn thocasaid

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Clann taobh a-muigh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Tha a' chlann a' cluich le 'girds and cleeks', cur-seachad a bh' aig mòran aig deireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn. 'S e cearcall iarainn le eadar 60cm agus 90cm de thrast-thomhas ann a bh' ann an 'gird' agus bhithte ga ghluasad le slat iarainn air an robh 'cleek'. B' e gobha an àite a bhiodh a' dèanamh nan dèideagan seo ach bha mòran dhreachan ùr-ghnathaichte orra; cuilbhlichean bhaidhsagalan agus phramaichean agus cearcaill iarainn thocasaidean nam measg. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich