Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An uaigh aig Fionnghal NicDhòmhnaill, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2615
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34519
KEYWORDS
Fionnghal NicDhòmhnaill
Cille Mhoire
Am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart
crois Cheilteach
Teàrlach MacArtair
pìobaire
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Flora MacDonald's Grave, Kilmuir, Isle of Skye

Tha a' chrois mhòr Cheilteach seo, cuimhneachan do dh'Fhionnghal NicDhòmhnaill, fìorfhollaiseach ann an cladh Chille Mhoire ann an ceann a tuath Thròndairnis, anns an Eilean Sgitheanach. Tha Fionnghal NicDhòmhnaill ainmeil airson na rinn i gus am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart a chuideachadh ann a bhith tighinn gu sàbhailte o Uibhist dhan Eilean Sgitheanach san Ògmhios 1746.

Cuideachd air an tiodhlacadh anns a' chladh seo tha feadhainn de Chlann 'ic Artair, na pìobairean ainmeil aig cinn-chinnidhean Chlann Dòmhnaill an Dùn Tuilm. 'S e Teàrlach MacArtair fear dhiubh. Air an leac a th' air an uaigh aige, tha an sgrìobhadh, nach deach a chrìochnachadh, ag ràdh, 'Here lie the remains of Charles MacKarter whose fame as an honest man and remarkable piper will survive this generation for his manners were easy and regular as his music and the melody off his fingers, will...' Tha e air a ràdh gur e a mhac a bha ga ghràbhaladh ach gun deach a bhàthadh air turas o Uibhist dhan Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An uaigh aig Fionnghal NicDhòmhnaill, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1940an

Fionnghal NicDhòmhnaill; Cille Mhoire; Am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart; crois Cheilteach; Teàrlach MacArtair; pìobaire;Teàrlach Eideard Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chrois mhòr Cheilteach seo, cuimhneachan do dh'Fhionnghal NicDhòmhnaill, fìorfhollaiseach ann an cladh Chille Mhoire ann an ceann a tuath Thròndairnis, anns an Eilean Sgitheanach. Tha Fionnghal NicDhòmhnaill ainmeil airson na rinn i gus am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart a chuideachadh ann a bhith tighinn gu sàbhailte o Uibhist dhan Eilean Sgitheanach san Ògmhios 1746. <br /> <br /> Cuideachd air an tiodhlacadh anns a' chladh seo tha feadhainn de Chlann 'ic Artair, na pìobairean ainmeil aig cinn-chinnidhean Chlann Dòmhnaill an Dùn Tuilm. 'S e Teàrlach MacArtair fear dhiubh. Air an leac a th' air an uaigh aige, tha an sgrìobhadh, nach deach a chrìochnachadh, ag ràdh, 'Here lie the remains of Charles MacKarter whose fame as an honest man and remarkable piper will survive this generation for his manners were easy and regular as his music and the melody off his fingers, will...' Tha e air a ràdh gur e a mhac a bha ga ghràbhaladh ach gun deach a bhàthadh air turas o Uibhist dhan Eilean Sgitheanach