Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beanntan a' Chuilthinn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2623
ÀITE
An t-Eilean Sgitheanach
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34527
KEYWORDS
Cuiltheann
Blàbheinn
Loch Coir' Uisge
beanntan
The Cuillin Hills Skye

Tha sreath bheanntan eireachdail a' Chuilthinn, a tha air luchd-turais a thàladh bho chionn fhada, le mullaichean nas àirde na 3000 troigh, nan laighe ann an raon talmhainn fiadhaich, iongantach, ri fhaicinn sa chairt seo. Sa mheadhan tha sealladh geamhraidh de Sgùrr nan Gillean, le bidean a tha furasta aithneachadh. 'S e Sgùrr Alasdair, 992m, a' bheinn as àirde sa Chuiltheann, agus chithear Blàbheinn an seo ag èirigh os cionn Loch Slaopainn. Tha an Cuiltheann Dearg leis gach meall cruinn de chlach-ghràin gu tur diofraichte on Chuiltheann Dhubh le dromannan far a bheil a' choiseachd nas fhasa, ach fhathast le seallaidhean gun choimeas. Cha bhiodh deilbh còmhla den Chuilthinn idir iomlan gun sealladh ann de Loch Coir' Uisge. Tha na binneanan dorcha biodagach timcheall air an loch a' cruthachadh faireachdainn mar gum biodh tu ann an saoghal eile, faireachdainn a tha air luchd-camara, luchd-coiseachd, luchd-sgrìobhaidh agus bàird a chur gu sàr-smuain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beanntan a' Chuilthinn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1940an

Cuiltheann; Blàbheinn; Loch Coir' Uisge; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection