Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coire Harta, An Cuiltheann, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2634
ÀITE
Coire Harta
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34537
KEYWORDS
beanntan
coire
MacDhòmhnaill
Dòmhnallach
MacLeòid
blàr
Harta Corry, Coolins, Skye

Bho Ghleann Shligeachan, ruigear Coire Harta tro thalamh garbh, aonarach, uaigneach. Tha an cruth-tìre mar seo oir chaidh pìosan mòra cloiche a chladhach às le eigh-shruth. Chithear mullaichean eagach prìomh dhruim a' Chuilthinn bhon t-slighe seo. Mar as trice, cleachdaidh daoine slighe eile do Choire Harta: an t-slighe a-nuas bho dhruim Sgùrr nan Gillean agus seachad air Loata Coire, a tha nas lugha. Os cionn a' Ghlinne, bidh uillt bheothail a' ruith sìos bho na beanntan agus iad a' tighinn còmhla aig bun Abhainn Shligeachan. Bha blàr fuilteach ann aig Coire Harta eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich. A rèir na sgeòil, mhair am blàr fad latha agus cha robh ach aon duine beò aig deireadh an latha - aon Leòdach. Tha ulbhag ann faisg air Coire Harta a tha 30 troighean a dh'àirde. Chaidh corpan nan daoine a chaidh a mharbhadh a chuir ann an tòrr mòr timcheall air a' chloich seo. Mar thoradh air seo, is e "a' chlach fhuilteach" an t-ainm a th' air a' chloich a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coire Harta, An Cuiltheann, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an; 1930an

beanntan; coire; MacDhòmhnaill; Dòmhnallach; MacLeòid; blàr

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection