Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean le Croitearan, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2651
ÀITE
unidentified
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34555
KEYWORDS
tughadh
taighean-tughaidh
Crofters Houses, Skye

Chan eil cinnt càit a bheil an t-àite-tuineachaidh seo, ach tha an dòigh anns a bheil na taighean-tughaidh air an togail a' nochdadh measgachadh de dhòighean-togail a gheibhte ann an taobh an iar na Gàidhealtachd. Bha na h-oiseanean cruinn le "sgeilp" aig mullach nam ballachan na bu chumanta anns na h-Eileanan an Iar, 's bha mullach air an robh an tughadh a' tighinn thairis air na ballachan na bu chumanta ann am meadhan na Gàidhealtachd. Bhiodh diofar stuthan air an cleachdadh mar thughadh a rèir dè ghabhadh fhaighinn, ach nam measg bha fraoch, luachair, raineach agus connlach. Bha an tughadh air a cheangal ris na sailthean mar bu trice le pluic eatarra, le ròpannan air an robh clachan mòra mar chuideaman, air neo mar an seo le lin air uachdar an tughaidh. Tha dà theine anns an taigh seo, agus tha bàthach ceangailte ris, ach chaidh beagan de dh'aol a chleachdadh air na ballachan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean le Croitearan, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1920an; 1930an

tughadh; taighean-tughaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection