Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Poll Til agus an cidhe, Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2673
ÀITE
Mìolabhaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34579
KEYWORDS
cidhe
loch
croitearachd
Loch Pooltiel and Pier, Glendale, Isle of Skye

Bha an cidhe air Loch Poll Til deatamach do choimhearsnachd mhòr Ghleann Dail agus dhan chòrr dhen eilean. Bhiodh bàtaichean-smùid a' tadhal air gu cunbhalach, a' toirt stòrasan agus luchd-siubhail don sgìre. Tha e duilich a chreidsinn gu robh bàta-gunna, HMS Jackal, na laighe air acair san loch, ach aig àm ar-a-mach chroitearan Gheann Dail ann an 1882-83, chaidh bàta-gunna a chur ann gus an ùpraid a chasg. Mar a bha a' tachairt ann an àiteachan eile air a' Ghàidhealtachd, bha na croitearan a' piobrachadh feuch am faigheadh iad staid nas cothromaiche agus seasmhachd màil air na croitean aca, aig àm a chaidh iomadh duine a sguabadh o na croitean agus caoraich a chur nan àite. Fo stiùireadh Iain Mhic a' Phearsain, fear air an robh Martarach Ghleann Dail às dèidh sin, chuir buidheann de chroitearan romhpa gun seasadh iad aige, agus ged a chaidh an cur dhan phrìosan ann an Dùn Èideann, fhuair iad buaidh le Coimisean Rìoghail, agus am Morair Napier air a cheann. Dh'èist iad ri gearanan nan croitearan agus 's e Achd Gleidhidh nan Croitearan 1886 a thàinig às. Tha carragh-cuimhne far an do dh'fheuch luchd an airm-mhara ri ceannardan Caidreachas Fearainn Ghleann Dail a chur fo ghrèim.

Chaidh an cidhe bho fheum grnn bhliadhnaichean air ais agus an-diugh tha e ann an droch staid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Poll Til agus an cidhe, Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

cidhe; loch; croitearachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Bha an cidhe air Loch Poll Til deatamach do choimhearsnachd mhòr Ghleann Dail agus dhan chòrr dhen eilean. Bhiodh bàtaichean-smùid a' tadhal air gu cunbhalach, a' toirt stòrasan agus luchd-siubhail don sgìre. Tha e duilich a chreidsinn gu robh bàta-gunna, HMS Jackal, na laighe air acair san loch, ach aig àm ar-a-mach chroitearan Gheann Dail ann an 1882-83, chaidh bàta-gunna a chur ann gus an ùpraid a chasg. Mar a bha a' tachairt ann an àiteachan eile air a' Ghàidhealtachd, bha na croitearan a' piobrachadh feuch am faigheadh iad staid nas cothromaiche agus seasmhachd màil air na croitean aca, aig àm a chaidh iomadh duine a sguabadh o na croitean agus caoraich a chur nan àite. Fo stiùireadh Iain Mhic a' Phearsain, fear air an robh Martarach Ghleann Dail às dèidh sin, chuir buidheann de chroitearan romhpa gun seasadh iad aige, agus ged a chaidh an cur dhan phrìosan ann an Dùn Èideann, fhuair iad buaidh le Coimisean Rìoghail, agus am Morair Napier air a cheann. Dh'èist iad ri gearanan nan croitearan agus 's e Achd Gleidhidh nan Croitearan 1886 a thàinig às. Tha carragh-cuimhne far an do dh'fheuch luchd an airm-mhara ri ceannardan Caidreachas Fearainn Ghleann Dail a chur fo ghrèim.<br /> <br /> Chaidh an cidhe bho fheum grnn bhliadhnaichean air ais agus an-diugh tha e ann an droch staid