Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaladair on iar-dheas
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2685
ÀITE
Caladar
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
LINN
1880an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34590
KEYWORDS
cairtean-puist
caistealan
drochaidean
uillt
aibhnichean
dìgean
taighean-tùir
geataichean
aisealan
dualchas
ainmeil
seanchas
fo-thallannan
Clann Chaimbeil
cinnidhean
seann dachaighean
Shakespeare
Seumasaich
turasachd
Cawdor Castle from south west

Sa chairt-phuist seo chithear Caisteal Chaladair faisg air Inbhir Narann, agus Allt Chaladair air a' bheulaibh. A rèir MacBeth aig Shakespeare, 's ann ann an Caisteal Chaladair a fhuair Rìgh Donnchadh bàs, ach bhàsaich MacBheatha fhèin ann an 1052, grunn linntean mus deach an caisteal seo a thogail.

Bha Tàinean tràtha Chaladair nan neach-glèidhidh air caisteal rìoghail Inbhir Narann, ach bha taigh dùthchail aca aig Seann Chaladar mu aon mhìle gu tuath air Caisteal Chaladair an là an-diugh. Tha fianais ann gur math dh'fhaoidte gu robh togalach air a thòiseachadh anmoch sa 14mh linn air ionad an là an-diugh, ach cha b' ann gu ruig 1454 a fhuair Tàna Uilleam Chaladair cead rìoghail gus caisteal a thogail ann an Caladar. Thog e taigh-tùir sìmplidh ceithir-lobhtach, a chaidh ath-chruthachadh a-rithist le turaidean mullaich. Chaidh an geata iarainn a thoirt ann o Chaisteal Lochandorb nuair a chaidh a leagail ann an 1457.

Tha seanchas ag innse gun deach an caisteal a thogail timcheall air craobh droighinn an dèidh do bhruadar a bhith aig Tàna Uilleam, bruadar a dh' innis dha a chiste ionmhais a thogail air aiseal agus far an stadadh am beathach, sin far an robh còir aige a chaisteal a thogail. Laigh am beathach ri taobh craoibh droighinn agus chaidh an t-àite a sguabadh glan gus bun-chlachan an tùir a chur sìos. Tha na mhaireas de sheann chraoibh fhathast air a glèidheadh ann am fo-thalla aig bun an tùir agus tha lorg-aoise-charbon air sealltainn gu bheil i mu 600 bliadhna a dh'aois.

'S e Caladar an t-ainm a bh' air an teaghlach an toiseach, ach ann an 1510 thug iad air Moireal Chaladair, aois 13, Sir Iain Caimbeul, mac Iarla Earra-ghàidheil, a phòsadh, agus chaidh am fearann agus an tiotal seachad do chlann Chaimbeul. Anmoch san t-17mh linn rinn Sir Ùisdean Caimbeul atharrachadh mòr agus chuir e pìosan ùra ris a' chaisteal beagan mus tàinig air fhèin agus air a theaghlach Caladar fhàgail air sgàth an taobh a bh' aca do na Seumasaich. Dh'fhuirich iad sa Chuimrigh cha mhòr fad na linn às dèidh sin mus do thill iad nan Iarlachan Chaladair gus obair ùrachaidh agus glèidhidh a dhèanamh air a' chaisteal. Tha Caisteal Chaladair fhathast na dhachaigh do theaghlach Chaladair a bharrachd air a bhith na phrìomh àite-tàlaidh an luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaladair on iar-dheas

SIORRACHD NARANN: Caladar

1880an

cairtean-puist; caistealan; drochaidean; uillt; aibhnichean; dìgean; taighean-tùir; geataichean; aisealan; dualchas; ainmeil; seanchas; fo-thallannan; Clann Chaimbeil; cinnidhean; seann dachaighean; Shakespeare; Seumasaich; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection