Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Kilravock Castle, Nairn

Sa chairt-phuist seo tha sealladh air Caisteal Chill Rathaig mu 5 mìle an iar air Inbhir Narann, a' coimhead thar Abhainn Inbhir Nàrainn. A-measg luchd-tadhail ainmeil a thàinig dhan chaisteal bha Màiri, Ban-rìgh na h-Alba, Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart, Diùc Chumberland is Raibeart Burns.

Chaidh a' chiad tùr air Caisteal Chill Rathaig (neo Cill Rabhaig) a thogail mu 1460 leis an teaghlach Ròs (Rose) à Siorrachd Inbhir Nàrainn. Thug Iain, Tighearna nan Eilean is Iarla Rois, cead dhaibh an caisteal a thogail. Chaidh a leudachadh le togail an taigh mhòir san t-16mh linn agus chaidh barrachd a chur ris, nam measg an Sgiath dhan iar, san 18mh linn. Chithear comharraidhean an aon chlachaire sa chloich os cionn dhorsan Chaisteal Chill Rathaig agus Chaisteal Chaladair.

'S dòcha gur ann o na Nòrmanaich a thàinig teaghlach 'Rose'. Tha fios cinnteach gun d' fhuair iad seilbh air fearann ann an sgìre Inbhir Narann cho fad air ais ris an 12mh linn. Ann an 1390 chaidh na pàipearan cùmhnant agus na clàran aig an teaghlach a sgrios ann an teine, ach ann an 1431 fhuair Iain Ròs no Rose de Chill Rathaig pàipear cùmhnant ùr airson fearainnean gu lèir a' chinnidh. 'S e a mhacsan, Ùisdean, a thog seann tùr Chill Rathaig ann an 1460.

Bhon uair sin tha ceann-cinnidh Chlainn Ròis air leantainn tro na ginealaich, agus Ùisdean no Hugh an còmhnaidh air a chur air a' mhac as sine. Bha dà thuras ann nuair nach robh oighre fireann ann agus a chaidh an tiotal gu nighean dhen ainm Ealasaid. Tha Cill Rathaig na dhachaigh oighreachail aig Clann Ròs chun an là an-diugh. Ann an 1984 's ann aig A' Mh-uas Ealasaid Ròs a bha an caisteal, agus thug ise seachad e fo chùram Urras Chrìosdaidh Chaisteal Chill Rathaig a tha an-diugh ga chumail a' dol na ionad Crìosdaidh nan saor-laithean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chill Rathaig, Inbhir Narann

SIORRACHD NARANN: Crothaigh 's Dealgros

cairtean-puist; caistealan; drochaidean; uillt; aibhnichean; dìgean; taighean-tùir; geataichean; aisealan; dualchas; ainmeil; seanchas; fo-thallannan; Clann Chaimbeil; cinnidhean; seann dachaighean; Shakespeare; Seumasaich; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection