Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaladair on Raon-cùirte
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2687
ÀITE
Caladar
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34592
KEYWORDS
cairtean-puist
caistealan
drochaidean
uillt
aibhnichean
dìgean
taighean-tùir
geataichean
aisealan
dualchas
ainmeil
seanchas
fo-thallannan
Clann Chaimbeil
cinnidhean
seann dachaighean
Shakespeare
Seumasaich
turasachd
Cawdor Castle from Courtyard

Sa chairt-phuist seo chithear sealladh air Caisteal Chaladair o fhear de na raointean-cùirte aige. 'S ann on t-seann taigh-tùir a tha am balla. Tha cabar fèidh os cionn an dorais agus nas àirde air a' bhalla chithear suaicheantas armachd.

A rèir MacBeth aig Shakespeare, 's ann ann an Caisteal Chaladair a fhuair Rìgh Donnchadh bàs, ach bhàsaich MacBheatha ann an 1052, grunn linntean mus deach an caisteal seo a thogail. Ann an 1454 fhuair Tàna Uilleam Chaladair cead rìoghail gus caisteal a thogail ann an Caladar. Thog e taigh-tùir sìmplidh ceithir-lobhtach, a chaidh ath-chruthachadh a-rithist le turaidean mullaich.

'S e Caladar an t-ainm a bh' air an teaghlach an toiseach, ach ann an 1510 thug iad air Moireal Chaladair, aois 13, Sir Iain Caimbeul, mac Iarla Earra-ghàidheil, a phòsadh, agus chaidh am fearann agus an tiotal seachad do chlann Chaimbeul. Anmoch san t-17mh linn rinn Sir Ùisdean Caimbeul atharrachadh mòr agus chuir e pìosan ùra ris a' chaisteal beagan mus tàinig air fhèin agus air a theaghlach Caladar fhàgail air sgàth an taobh a bh' aca do na Seumasaich. Nuair a thill iad thòisich iad air obair ùrachaidh agus glèidhidh a dhèanamh air a' chaisteal. Tha Caisteal Chaladair fhathast na dhachaigh do theaghlach Chaladair a bharrachd air a bhith na phrìomh àite-tàlaidh an luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaladair on Raon-cùirte

SIORRACHD NARANN: Caladar

cairtean-puist; caistealan; drochaidean; uillt; aibhnichean; dìgean; taighean-tùir; geataichean; aisealan; dualchas; ainmeil; seanchas; fo-thallannan; Clann Chaimbeil; cinnidhean; seann dachaighean; Shakespeare; Seumasaich; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear sealladh air Caisteal Chaladair o fhear de na raointean-cùirte aige. 'S ann on t-seann taigh-tùir a tha am balla. Tha cabar fèidh os cionn an dorais agus nas àirde air a' bhalla chithear suaicheantas armachd. <br /> <br /> A rèir MacBeth aig Shakespeare, 's ann ann an Caisteal Chaladair a fhuair Rìgh Donnchadh bàs, ach bhàsaich MacBheatha ann an 1052, grunn linntean mus deach an caisteal seo a thogail. Ann an 1454 fhuair Tàna Uilleam Chaladair cead rìoghail gus caisteal a thogail ann an Caladar. Thog e taigh-tùir sìmplidh ceithir-lobhtach, a chaidh ath-chruthachadh a-rithist le turaidean mullaich. <br /> <br /> 'S e Caladar an t-ainm a bh' air an teaghlach an toiseach, ach ann an 1510 thug iad air Moireal Chaladair, aois 13, Sir Iain Caimbeul, mac Iarla Earra-ghàidheil, a phòsadh, agus chaidh am fearann agus an tiotal seachad do chlann Chaimbeul. Anmoch san t-17mh linn rinn Sir Ùisdean Caimbeul atharrachadh mòr agus chuir e pìosan ùra ris a' chaisteal beagan mus tàinig air fhèin agus air a theaghlach Caladar fhàgail air sgàth an taobh a bh' aca do na Seumasaich. Nuair a thill iad thòisich iad air obair ùrachaidh agus glèidhidh a dhèanamh air a' chaisteal. Tha Caisteal Chaladair fhathast na dhachaigh do theaghlach Chaladair a bharrachd air a bhith na phrìomh àite-tàlaidh an luchd-turais