Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tursachan agus Teampall nan Draoidh, Clabhalag, faisg air Cùil Lodair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2758
ÀITE
Mòinteach Chùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34662
KEYWORDS
cairtean-puist
càrn: càrn seòmarach
cuirn chuairteach
tiodhlacadh losgaidh
tursachan
cearcallan thursachan
seòmraichean tiodhlacaidh
clachan aosta
arc-eòlas
Druid Stones and Temple, Clava, near Culloden

Air a' chairt-phuist seo tha na cuirn agus na tursachan aig Bail' an Fhuarain Chlabhalag ri taobh Abhainn Narann. Tha trì cuirn ann an Clabhalag; dà chàrn a tha seòmarach agus aon chàrn cuairteach. Tha na trì seo nam pàirt de loidhne de sheachd cuirn ann an srath Abhainn Narann agus nam pàirt de bhuidheann mhòr de mu 50 cuirn ann an Sgìre Linne Mhoireibh a-staigh. Tha gach càrn air a chuairteachadh le cearcall de thursachan agus 's e cuirn Chlabhalag a chanar riutha às dèidh cuirn Chlabhalag.

Tha an dà chàrn seòmarach aig Clabhalag den stoidhle de dh'uaighean trannsach: tha an seòmar a-staigh air a cheangal ris an taobh a-muigh le trannsa. Tha loidhne an trannsaichean a' coimhead dhan iar-dheas agus ri dol fodha na grèine an là meadhan-geamhraidh. Tha gach uaigh thrannsach air a cuairteachadh le cearcall taiceil ìseal de chlachan mòra, agus cearcall de thursachan nan seasamh mun cuairt orra. Tha na clachan ìseal taiceil agus na tursachan de dhiofar meud, a' dol nas motha taobh an iar-dheas. Bha cuirn, no tiùrran de chlachan, air an càrnadh air muin nan seòmraichean cruinn tiodhlacaidh.

'S e an dàrna seòrsa de Chàrn Chlabhalag an càrn cuairteach. Chan eil trannsa air agus bhiodh e fosgailte aig a' mhullach. Coltach ris na cuirn eile, tha e air a chuairteachadh le clachan ìseal taiceil a-muigh agus le cearcall de thursachan. 'S e càrn cuairteach a th' anns a' chàrn sa mheadhan ann an Clabhalag.

An toiseach bha iad den bheachd gur ann bho anmoch san àm Nuadh Leacach a bha cuirn Chlabhalag ach tha cladhadh àirseachail ùr a' toirt a' chreids gur dòcha gu bheil iad às dèidh sin, 's dòcha bho Linn an Umha. Tha cladhadh ann an 1828, 1857 agus na 1950an air pìosan beaga crèadha agus clach-spor (flint) a lorg agus cuideachd cnàmhan dhaoine, feadhainn dhiubh siud a chaidh an losgadh. Tha fianais ann gu robh an t-ionad air leth cudromach agus 's dòcha air a chumail airson dhaoin-uasal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tursachan agus Teampall nan Draoidh, Clabhalag, faisg air Cùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

cairtean-puist; càrn: càrn seòmarach; cuirn chuairteach; tiodhlacadh losgaidh; tursachan; cearcallan thursachan; seòmraichean tiodhlacaidh; clachan aosta; arc-eòlas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection