Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean air Inbhir Narann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2773
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34677
KEYWORDS
cairtean-puist
baile rìoghail
aibhnichean
bailtean margaidh
iasgach
bailtean spà
turasachd
bailtean taobh na tràghad
luchd-bruidhinn na Gàidhlig
iasgairean
bailtean-iasgaich
rìghrean Bhreatainn
loidhnichean rèile
leigheasan eile
Views of Nairn

Air a' chairt-phuist seo tha cat ann agus ceithir seallaidhean o Inbhir Narann mun cuairt air: an raon-purraidh, an t-Sràid Àrd, an tràigh agus an abhainn.

Tha Inbhir Narann na bhorgh rìoghail air tràigh a deas Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e 'Invernairn' a bh' air uaireigin ann am Beurla, dìreach mar a tha sa Ghàidhlig, leis mar a bha e aig beul Abhainn Narann. Mus tàinig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann ann an 1855, bha Inbhir Narann na bhaile de mhargaidh is de thuathanachd na b' fhaide bhon chost na am Bail' Iasgaich, àite iasgaich aig muinntir Lochlainn, tha a h-uile coltas, a thàinig a dh'fhuireach ro 1000AD.

San t-16mh linn bha measgachadh de Ghàidheil le Gàidhlig agus de dhaoine on ear-thuath le Beurla no Albannach ann an Inbhir Narann. Tha e air a chlàradh gum biodh Seumas VI agus l a' bòstadh gu robh baile aige ann an Alba a bha cho fada 's gum bruidhneadh daoine aig aon cheann na sràide cànan eile bho na daoine aig a' cheann eile.

'S e a' phàirt as ùire de dh'Inbhir Narann am baile turasach Bhictorianach a dh'fhàs suas, às dèidh tighinn na rèile, timcheall air a' Bhail' Iasgaich a bh' ann. Thàinig am baile gu bhith na ionad spà iomraiteach mar thoradh air buadhan leigheasach sàl na mara san sgìre, na tràighean fada gainmhiche agus an aimsir thioram ghrianach. Chaidh taighean mòra eireachdail Bhictorianach agus taighean-òsta uasal an togail gus frithealadh air an àireamh na bu mhotha de luchd-turais. Chaidh goireasan eile an leasachadh cuideachd, nam measg am promanàd, pàilleann nan còmhlan-ciùil agus dà raon goilf

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean air Inbhir Narann

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1950an

cairtean-puist; baile rìoghail; aibhnichean; bailtean margaidh; iasgach; bailtean spà; turasachd; bailtean taobh na tràghad; luchd-bruidhinn na Gàidhlig; iasgairean; bailtean-iasgaich; rìghrean Bhreatainn; loidhnichean rèile; leigheasan eile

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection