Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' faighinn teagasg air an 'gird and cleek'
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_017
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
347
KEYWORDS
cur-seachadan traideasanta
dèideagan traideasanta
Learning how to use a gird and cleek

Caileag-sgoile aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd, Baile Ùr an t-Slèibh, a' faighinn ionnsachadh air 'gird and cleek' le tidsear aig Sgoil a' Chnuic Bhàin. Is e geama traidiseanta a bh' ann a bhathas a' cluich aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn, anns am bithte a' putadh cearcall iarainn le slat iarainn. Chithear anns an dealbh an t-slat (gird) le cearcall (cleek) co-cheangailte ris agus tha am pàiste a' faighinn ionnsachadh air mar a chumas e smachd air cearcall agus a' ruith ri a taobh. Anns na làithean mus robh mòran trafaig ann, bhiodh cothrom aig na balaich is aig na nigheanean rèisean a chumail air rathaidean sàmhach nam bailtean is nan cathair-bhailtean, ach dheigheadh aca air cluich leotha a cheart cho math air feur goirid bheanntan is ghleanntan.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' faighinn teagasg air an 'gird and cleek'

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

cur-seachadan traideasanta; dèideagan traideasanta

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Caileag-sgoile aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd, Baile Ùr an t-Slèibh, a' faighinn ionnsachadh air 'gird and cleek' le tidsear aig Sgoil a' Chnuic Bhàin. Is e geama traidiseanta a bh' ann a bhathas a' cluich aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn, anns am bithte a' putadh cearcall iarainn le slat iarainn. Chithear anns an dealbh an t-slat (gird) le cearcall (cleek) co-cheangailte ris agus tha am pàiste a' faighinn ionnsachadh air mar a chumas e smachd air cearcall agus a' ruith ri a taobh. Anns na làithean mus robh mòran trafaig ann, bhiodh cothrom aig na balaich is aig na nigheanean rèisean a chumail air rathaidean sàmhach nam bailtean is nan cathair-bhailtean, ach dheigheadh aca air cluich leotha a cheart cho math air feur goirid bheanntan is ghleanntan. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich