Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala agus Ionad nan Carabhan, Inbhir Narann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2801
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34710
KEYWORDS
cairtean-puist
calachan
cidheachan
laimrigean
bailtean iasgaich
srath-aibhne
puirt iasgaich
soithichean seòlaidh
seòlaidean
Harbour and Caravan Site, Nairn

Tha sealladh air a' chala agus ionad nan carabhan ann an Inbhir Narann ri fhaicinn sa chairt-phuist seo. Chaidh ionad nan carabhan a stèidheachadh ann an 1958 air talamh fhàs air taobh an ear na h-aibhne, mu choinneamh a' chala. Tha e fhathast mòr aig luchd-turais an-diugh.

Chaidh cala Inbhir Narann a stèidheachadh ann an 1818-25 fo stiùireadh Thòmais Telford. Dh'atharraich Telford cùrsa Abhainn Narann agus thog e cidhe ùr ri taobh bruaich an iar a' chùrsa ùir. Gu mì-fhortanach chaidh an cidhe a dhroch mhilleadh ann an tuiltean mòra Mhoireibh ann an 1829 agus dh'fheumadh iad ath-thogail a dhèanamh air. Chaidh balla-dìon ùr ris an ear a chur ris aig an àm seo. Chaidh leasachaidhean eile an dèanamh thar nam bliadhnachan, gu h-àraid ann an 1932 nuair a chaidh bàgh nan soithichean siabaidh a thogail.

Le togail a' chala ùir thàinig moran a bharrachd bhàtaichean thuige, an dà chuid bàtaichean-iasgaich is bàtaichean-seòlaidh. Roimhe seo bha Delnies air taobh an iar Inbhir Narann agus Loch Lothaidh is Maviston dhan ear air a bhith nam bailtean iasgaich trang iad fhèin, ach an uair sin ghluais cuid de na teaghlaichean asta a-steach do dh'Inbhir Narann fhèin far an robh an cala ùr a' toirt dhaibh an cothrom bàtaichean nas motha a chleachdadh. Dh'fhaodadh iad an uair sin a bhith ag iasgach na b' fhaide a-muigh na Linne Mhoireibh.

Bha gnìomhachas an iasgaich aig ìre a b' àirde faisg air deireadh an 19mh linn. Ron Chiad Chogadh bha 75 bàtaichean a' seòladh a-mach à Inbhir Narann. Bha iad seo an sàs ann an iasgach le driamlaichean air neo le lìn siabaidh. Ach nuair a chrìon iasgach an sgadain sna 1920an 's sna 1930an, thòisich beul na h-aibhne a' lìonadh le gainmhich agus thuit Inbhir Narann dheth na phort iasgaich. An-diugh 's e marina trang a tha sa chala, a' cumail fasgaidh do suas ri 100 soitheach-tlachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala agus Ionad nan Carabhan, Inbhir Narann

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

cairtean-puist; calachan; cidheachan; laimrigean; bailtean iasgaich; srath-aibhne; puirt iasgaich; soithichean seòlaidh; seòlaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection