Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Narann a' coimhead dhan ear
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2806
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34718
KEYWORDS
cairtean-puist
sgoiltean
acadamaidhean
clasruman
bailtean
sràidean
Nairn looking east

Sa chairt-phuist seo tha sealladh ann air Inbhir Narann a' coimhead dhan ear sìos Sràid an Acadamaidh. Chaidh an togalach mòr sa mheadhan dhan deas a thogail mar Acadamaidh Inbhir Narann ach an-diugh 's e Bun-sgoil Rosebank a th' ann. Chaidh taobh chlì an togalaich seo a dheilbh le Uilleam Mac anTòisich agus a thogail ann an 1901-3. Chaidh an leudachadh a tha gu math nas motha a chur ris sna 1930an air talamh far an robh uaireigin Taigh Ivybank. Far an robh na gàrraidhean aig Ivybank, 's ann an sin a chaidh raointean cluiche an Acadamaidh an cur sìos.

Chaidh ciad Acadamaidh Inbhir Narann a thogail le airgead o fho-sgrìobhadh phoblach air talamh a chaidh a thoirt seachad leis a' Chaiptein Seumas Ròs o Thaigh Ivybank. Nuair a chaidh a' chiad chlasrum fhosgladh ann an 1832 bha là sgoile a' dol o 7m gu ruig 5f le beàrn dìnnearach dà uair a thìde. Ann an 1841chaidh an Acadamaidh ath-ainmeachadh mar 'Rose's Academical Institution', às dèidh an duine a bu thaiceil na thogail, agus chùm e an t-ainm sin gu 1953. Ann an 1976 ghluais Acadamaidh Inbhir Narann dhan àite far a bheil e an-diugh ann an Slighe Dhonnchaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Narann a' coimhead dhan ear

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1930an

cairtean-puist; sgoiltean; acadamaidhean; clasruman; bailtean; sràidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo tha sealladh ann air Inbhir Narann a' coimhead dhan ear sìos Sràid an Acadamaidh. Chaidh an togalach mòr sa mheadhan dhan deas a thogail mar Acadamaidh Inbhir Narann ach an-diugh 's e Bun-sgoil Rosebank a th' ann. Chaidh taobh chlì an togalaich seo a dheilbh le Uilleam Mac anTòisich agus a thogail ann an 1901-3. Chaidh an leudachadh a tha gu math nas motha a chur ris sna 1930an air talamh far an robh uaireigin Taigh Ivybank. Far an robh na gàrraidhean aig Ivybank, 's ann an sin a chaidh raointean cluiche an Acadamaidh an cur sìos.<br /> <br /> Chaidh ciad Acadamaidh Inbhir Narann a thogail le airgead o fho-sgrìobhadh phoblach air talamh a chaidh a thoirt seachad leis a' Chaiptein Seumas Ròs o Thaigh Ivybank. Nuair a chaidh a' chiad chlasrum fhosgladh ann an 1832 bha là sgoile a' dol o 7m gu ruig 5f le beàrn dìnnearach dà uair a thìde. Ann an 1841chaidh an Acadamaidh ath-ainmeachadh mar 'Rose's Academical Institution', às dèidh an duine a bu thaiceil na thogail, agus chùm e an t-ainm sin gu 1953. Ann an 1976 ghluais Acadamaidh Inbhir Narann dhan àite far a bheil e an-diugh ann an Slighe Dhonnchaidh