Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Shady Walk on north bank of River Nairn

Sa chairt-phuist seo chithear starran dubharach air bruaich a tuath Abhainn Narann. Tha an abhainn ag èirigh ann am Beanntan a' Mhonaidh Liath agus tha i a' sruthadh tro Shrath Narann fad 38 mìle mus taom i a-steach do Linne Mhoireibh aig Inbhir Narann. Gabhaidh drochaid na rèile fhaicinn astar air falbh. Chaidh a deilbh le Iòseph Mitchell agus a togail ann an 1857.

Tha Inbhir Narann na bhorgh rìoghail air oir a deas Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e 'Invernairn' a bh' air uaireigin ann am Beurla, dìreach mar a tha sa Ghàidhlig, leis mar a bha e aig beul Abhainn Narann. Mus tàinig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann ann an 1855, bha Inbhir Narann na bhaile de mhargaidh is de thuathanachd na b' fhaide bhon chost na 'm Bail' Iasgaich, àite iasgaich aig muinntir Lochlainn, tha a h-uile coltas, a thàinig a dh'fhuireach ro 1000AD.

San t-16mh linn bha measgachadh de Ghàidheil le Gàidhlig agus de dhaoine on ear-thuath le Beurla no Albannach ann an Inbhir Narann. Tha e air a chlàradh gum biodh Seumas VI agus l a' bòstadh gu robh baile aige ann an Alba a bha cho fada 's gum bruidhneadh daoine aig aon cheann na sràide cànan eile bho na daoine aig a' cheann eile.

'S e a' phàirt as ùire de dh'Inbhir Narann am baile turasach Bhictorianach a dh'fhàs suas, às dèidh tighinn na rèile, timcheall air a' Bhail' Iasgaich a bh' ann. Thàinig am baile gu bhith na ionad spà iomraiteach mar thoradh air buadhan leigheasach sàl na mara san sgìre, na tràighean fada gainmhiche agus an aimsir thioram ghrianach. Chaidh taighean mòra eireachdail Bhictorianach agus taighean-òsta uasal an togail gus frithealadh air an àireamh na bu mhotha de luchd-turais. Chaidh goireasan eile an leasachadh cuideachd, nam measg am promanàd, pàilleann nan còmhlan-ciùil agus dà raon goilf

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuairt dhubharach air bruaich a tuath Abhainn Narann

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

borghan rìoghail; drochaidean; aibhnichean; bailtean margaidh; gnìomhachas an iasgaich; bailtean spà; turasachd; bailtean taobh na tràghad; luchd-bruidhinn na Gàidhlig; bailtean-iasgaich; rìghrean Bhreatainn; loidhnichean rèile; leigheasan eile

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection