Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Slighe-uisge a' Chaledonian aig Bainbhidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_2892
ÀITE
Bainbhidh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
34799
KEYWORDS
cairt-puist
dealbh air a pheantadh
Slighe-uisge a' Chaledonian
Bainbhidh
slighe-uisge'bàta-smùid
Bàta-smùid a' Chaledonian
seòladh
A' Chorpaich
An Gearastan' Beinn Noibheis
Caledonian Canal at Banavie

Tha dealbh air a pheantadh de Shlighe-uisge a' Chaledonian aig Bainbhidh, suidhichte dìreach gu tuath air A' Ghearastan, aig toiseach Slighe-uisge a' Chaledonian, air a' chairt-puist seo. Tha dath na duilleach a' moladh gu bheil an sealladh seo a' tachairt as t-fhoghar. Tha seallaidhean soilleir a-null gu Beinn Nibheis, a' bheinn as àirde ann an Alba, à Bainbhidh.

Tha Slighe-uisge a' Chaledonian a' ruith bhon Chorpaich, anns a' Ghleann Mhòr faisg air A' Ghearastan, 62 mìle an ear-thuath gu Inbhir Nis. Chaidh a dheilbh leis an einnseanair torrach Albannach Tòmas Telford agus chaidh a thogail eadar 1803 agus 1822 aig prìs £840,000. An oòiseach b' e slighe malairt a bh' innte ach an-diugh 's e soithichean tlachd as motha a tha a' siubhal oirre.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Slighe-uisge a' Chaledonian aig Bainbhidh

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

cairt-puist; dealbh air a pheantadh; Slighe-uisge a' Chaledonian; Bainbhidh; slighe-uisge'bàta-smùid; Bàta-smùid a' Chaledonian; seòladh; A' Chorpaich; An Gearastan' Beinn Noibheis

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

Tha dealbh air a pheantadh de Shlighe-uisge a' Chaledonian aig Bainbhidh, suidhichte dìreach gu tuath air A' Ghearastan, aig toiseach Slighe-uisge a' Chaledonian, air a' chairt-puist seo. Tha dath na duilleach a' moladh gu bheil an sealladh seo a' tachairt as t-fhoghar. Tha seallaidhean soilleir a-null gu Beinn Nibheis, a' bheinn as àirde ann an Alba, à Bainbhidh.<br /> <br /> Tha Slighe-uisge a' Chaledonian a' ruith bhon Chorpaich, anns a' Ghleann Mhòr faisg air A' Ghearastan, 62 mìle an ear-thuath gu Inbhir Nis. Chaidh a dheilbh leis an einnseanair torrach Albannach Tòmas Telford agus chaidh a thogail eadar 1803 agus 1822 aig prìs £840,000. An oòiseach b' e slighe malairt a bh' innte ach an-diugh 's e soithichean tlachd as motha a tha a' siubhal oirre.