Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Gird and cleek'
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_020
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
348
KEYWORDS
cur-seachadan traidiseanta
cuibhlichean phram
cuibhlichean bhaidhsagal
cearcaill thocasaid
Gird and cleek

Clann taobh a-muigh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Tha am balach ann am meadhan an deilbh comasach air a' gheama 'gird and cleek' a chluich, is e a' ruith is aig an aon àm a' cumail smachd air a' chearcall leis a' bhata iarainn ceangailte ris. Bhiodh mòran a' cluich a' gheama seo aig deireadh an 19mh linn is aig toiseach an 20mh linn, is clann a' cleachdadh chearcall a chaidh chruthachadh a dh'aona ghnothaich air neo, gu minig, nithean eile bho bheatha làitheil bhailtean, leithid seann chuilbhlichean bhaidhsagalan no phramaichean air neo cearcaill iarainn thocasaidean.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Gird and cleek'

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

cur-seachadan traidiseanta; cuibhlichean phram; cuibhlichean bhaidhsagal; cearcaill thocasaid

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Clann taobh a-muigh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd aig Baile Ùr an t-Slèibh. Tha am balach ann am meadhan an deilbh comasach air a' gheama 'gird and cleek' a chluich, is e a' ruith is aig an aon àm a' cumail smachd air a' chearcall leis a' bhata iarainn ceangailte ris. Bhiodh mòran a' cluich a' gheama seo aig deireadh an 19mh linn is aig toiseach an 20mh linn, is clann a' cleachdadh chearcall a chaidh chruthachadh a dh'aona ghnothaich air neo, gu minig, nithean eile bho bheatha làitheil bhailtean, leithid seann chuilbhlichean bhaidhsagalan no phramaichean air neo cearcaill iarainn thocasaidean.<br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich