Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich à Malaig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3189
ÀITE
Malaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
35046
KEYWORDS
bailtean
calaidhean
bàtaichean
gnìomhachas an iasgaich
The Cuillins of Skye from Mallaig

Tha beanntan a' Chuiltheann san Eilean Sgitheanach a' nochdadh gu fann ann an cùl an deilbh sa chairt-puist seo den chala ann am Malaig. Tha seadaichean giollachd èisg agus togalaichean eile air an dinneadh faisg air a' chidhe a' sònrachadh prìomh ghnìomhachas a' bhaile.

Dh'fhàs Malaig gu bhith na bhaile beag sna deich bliadhna eadar 1841 is 1851, le àireamh an t-sluaigh ag èirigh o 24 neach gu 134. 'S e dh'adhbhraich an leudachadh seo na rudan a rinn MacShimidh, am fear aig an robh oighreachd Mhorair a Tuath. Bha esan airson coimhearsnachd iasgaich a dhèanamh ann am Malaig agus bhrosnaich e cuid dhe thuath gluasad ann. Mhaoinich e togail cidhe ann am Malaig agus rinn e leasachadh air na rathaidean san sgìre.

B' ann gu math mall a leasaich gnìomhachas an iasgaich ann am Malaig san dàrna leth den 19mh linn, agus b' ann nuair a ràinig Rèile na Gàidhealtachd an iar cho fada ri Malaig ann an 1901 a thòisich beairteas a' tighinn don bhaile. Le ceanglaichean na rèile dh'fhaodadh na luchdan èisg an lìbhrigeadh gu margaidhean gun dàil agus dh'fhàs malairt agus àireamh an t-sluaigh glè luath. Cuideachd, chaidh am fàs a chuideachadh leis an atharrachadh o sheòl gu einnseanan-smùide sna bàtaichean-iasgaich aig an àm seo. Cha robh na bàtaichean cho feumach air sìde mhath agus dh'fhaodadh iad astaran mòra mara a shiubhal. Chaidh am port a leudachadh 's a leasachadh iomadh turas tràth san 20mh linn agus sna 1920an bha dà ghàrradh-shoithichean agus grunnan fhactaraidhean-ceòthaidh ann am Malaig.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich à Malaig

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1930an; 1940an

bailtean; calaidhean; bàtaichean; gnìomhachas an iasgaich

Highland Libraries

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha beanntan a' Chuiltheann san Eilean Sgitheanach a' nochdadh gu fann ann an cùl an deilbh sa chairt-puist seo den chala ann am Malaig. Tha seadaichean giollachd èisg agus togalaichean eile air an dinneadh faisg air a' chidhe a' sònrachadh prìomh ghnìomhachas a' bhaile.<br /> <br /> Dh'fhàs Malaig gu bhith na bhaile beag sna deich bliadhna eadar 1841 is 1851, le àireamh an t-sluaigh ag èirigh o 24 neach gu 134. 'S e dh'adhbhraich an leudachadh seo na rudan a rinn MacShimidh, am fear aig an robh oighreachd Mhorair a Tuath. Bha esan airson coimhearsnachd iasgaich a dhèanamh ann am Malaig agus bhrosnaich e cuid dhe thuath gluasad ann. Mhaoinich e togail cidhe ann am Malaig agus rinn e leasachadh air na rathaidean san sgìre.<br /> <br /> B' ann gu math mall a leasaich gnìomhachas an iasgaich ann am Malaig san dàrna leth den 19mh linn, agus b' ann nuair a ràinig Rèile na Gàidhealtachd an iar cho fada ri Malaig ann an 1901 a thòisich beairteas a' tighinn don bhaile. Le ceanglaichean na rèile dh'fhaodadh na luchdan èisg an lìbhrigeadh gu margaidhean gun dàil agus dh'fhàs malairt agus àireamh an t-sluaigh glè luath. Cuideachd, chaidh am fàs a chuideachadh leis an atharrachadh o sheòl gu einnseanan-smùide sna bàtaichean-iasgaich aig an àm seo. Cha robh na bàtaichean cho feumach air sìde mhath agus dh'fhaodadh iad astaran mòra mara a shiubhal. Chaidh am port a leudachadh 's a leasachadh iomadh turas tràth san 20mh linn agus sna 1920an bha dà ghàrradh-shoithichean agus grunnan fhactaraidhean-ceòthaidh ann am Malaig.