- TIOTAL
- 'Rest and Be Thankful' bhon rathad ùr
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_3444
- ÀITE
- Gleann Crò
- SGÌRE
- Còmhghall
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Ceann Loch Goill 's Cill Mhuirich
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 35290
- KEYWORDS
- Earra-Ghàidheal
Gleann Crò
Loch Laomainn
Loch Long
Pàirce Coille Earra-Ghàidheal
Rest an Be Thankful
àite-seallaidh
rathad armailteach
gleann
Seanailear Wade
Tha dealbh-camara, a chaidh a thogail tràth anns an fhicheadamh linn, anns a' chairt-phuist seo a' sealltainn sealladh bho àite-seallaidh an 'Rest-and-Be-Thankful' ann an Gleann Crò, mar a chithear e bhon A83. Tha an gleann suidhichte ann am Pàirce Coille Earra-Ghàidheal, an iar-thuath air Loch Laomainn agus Loch Long.
'S e rathad armailteach Seanailear Wade an rathad beag a chithear a' ruith gu h-ìosal sa ghleann. Air a thogail anns na 1740an, fo stiùireadh Màidsear Uilleam Caulfield, tha an rathad a' ruith fad a' ghlinn. Chaidh clach a shnaigheadh ann an 1749 le 'Rest an Be Thankful' aig àite-seallaidh air fad an rathaid. Bha an rathad air a chleachdadh airson tachartasan rèisean motair eadar 1949 agus 1970