Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-glainne na Sgoile
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_038
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
353
KEYWORDS
taigh-glainne
taighean-glainne
taigh-glainne ro àm a' chogaidh
The school's greenhouse

Taigh-glainne ann an gàrradh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh. 'S e ath-thogail a th' ann air taigh-glainne a bh' ann ro àm a' chogaidh agus thathas ga ùisneachadh mar phàirt de ghàrradh na sgoile agus a' fàs lusan agus glasraich ann.

Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-glainne na Sgoile

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

taigh-glainne; taighean-glainne; taigh-glainne ro àm a' chogaidh

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Taigh-glainne ann an gàrradh Sgoil a' Chnuic Bhàin aig Taigh Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh. 'S e ath-thogail a th' ann air taigh-glainne a bh' ann ro àm a' chogaidh agus thathas ga ùisneachadh mar phàirt de ghàrradh na sgoile agus a' fàs lusan agus glasraich ann. <br /> <br /> Thogadh an sgoil an toiseach mu 1925 aig a' Chnoc Bhàn, ri taobh Cnoc na Gaoithe, 13 cilemeatairean a-mach à Inbhir Nis agus chaidh a toirt gu làrach an taigh-thasgaidh an 1998, far an do dh'fhosgail i as t-earrach 2000. 'S e togalach fiodha, togte ro-làimh agus sgeadaichte le iarann a th' ann, togalach a bha gu math cumanta an Alba bho mheadhan nan 1800an a-mach, le 12 mheatair de dh'fhaide is 6 meatair de leud ann. Gheibhear 4 seòmraichean clàr-fiodha ann, is iad sin: an seòmar-teagaisg mòr le sòrnag ann ga chumail blàth, seòmar-cùlaidh le 3 miasan-ionnlaid ann, seòmar beag tidseir le taigh-beag tidseir ri a thaobh. Chithear anns an dealbh na h-uinneagan mòra a bha nam pàirt dhen togalach chum gus solas agus èadhar a chumail ri taobh a-staigh an togalaich