Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bhon adhar de Loch Lìobhann agus Ceann Loch Lìobhann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3460
ÀITE
Ceann Loch Lìobhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
35306
KEYWORDS
cairt-puist
dealbh-camara
Ceann Loch Lìobhann
Loch Lìobhann
Loch Abar
alùmanum
sreap deighe
Tasgadh-uisge an Uisge Dubh
dam
Bird's Eye View of Loch Leven and Kinlochleven

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn sealladh bho àirde a' coimhead sìos air baile Cheann Loch Lìobhann agus Loch Lìobhann chun an iar. Tha am baile suidhichte dìreach gu deas air A; Ghearasdan, am measg cuid de na seallaidhean as taitniche agua as gairbhe air Ghàidhealtachd.

'S e loch-mara air taobh an iar na h-Alba a th'ann an Loch Lìobhann, anns a bheil goirid air naoi mìle de dh'fhad, leis an leud as motha beagan agus mìle. Tha baile Ghleann Comhann suidhichte air a chladach a deas agus Ceann Loch Lìobhann aig a' cheann an ear.

Dh'fhàs Ceann Loch Lìobhann, suidhichte aig ceann an ear Loch Lìiobhann, timcheall air an Fhactaraidh Giullachd Alùmanum aig toiseach an fhicheadamh linn. Chaidh taighean a thogail gu luath airson dèiligeadh ris an luchd-obrach a bha a' sìor fhàs. Ann an 1907, chaidh dam dealan-uisge a thogail le Companaidh Alùmanum Bhreatainn. Aig 914 meatair a dh'fhaid 's e an dam as fhaide air a' Ghàidhealtachd.

Chan eil an fhactaraidh alùmanum fhathast ag obair an-diugh agus tha a' cheàrnaidh a' faighinn a' chuid mhòr de a teachd-a-steach bho thurasachd. Tha na seallaidhean drùidhteach a' tabhann pailteas chothroman do choisichean-cnuic agus tha an 'Ice Factor' faisg air làimh, am balla-sreap deighe a-staigh as motha air an t-saoghal air inbhe na ceàrnaidh a thoirt air adhart anns na bliadhnachadh mu dheireadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bhon adhar de Loch Lìobhann agus Ceann Loch Lìobhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

cairt-puist; dealbh-camara; Ceann Loch Lìobhann; Loch Lìobhann; Loch Abar; alùmanum; sreap deighe; Tasgadh-uisge an Uisge Dubh; dam

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection