Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peile mònadh
EXTERNAL ID
AB_HFM_SCHOOL_041
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
355
KEYWORDS
mòine
connadh
sgoiltean
bucaidean
teinntean
Peat bucket

Tha puill mhònadh air an cruthachadh le stuth a tha air a bhith a' fàs agus a tha an uair sin a' seargadh gu ìre. Tha fàdan mònadh air an gearradh às an talamh agus air an tiormachadh. 'S e aon dhe na buannachdan mu bhith a' losgadh mòine airson connadh gu bheil i glè dhoirbh a smàladh an dèigh a bhith na teine. Chan e sealladh neo-chumanta a th' ann a bhith a' faicinn cruachan mònadh an siud 's an seo anns na h-Eilean anSiar ann an Alba. Gu toiseach nan 1900an bhiodh bucaid mhònadh coltach ris an tè seo aig mòran sgoiltean. Ann am mòran sgìrean bhiodh clann sgoile a' toirt leotha fàd mònadh an duine gus an clasrum a theasachadh anns a' gheamhradh.

B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin. Bha clasrum, seòmar-chleòcan, stòr tidseir agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peile mònadh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

mòine; connadh; sgoiltean; bucaidean; teinntean

Am Baile

Highland Folk Museum Schoolhouse

Tha puill mhònadh air an cruthachadh le stuth a tha air a bhith a' fàs agus a tha an uair sin a' seargadh gu ìre. Tha fàdan mònadh air an gearradh às an talamh agus air an tiormachadh. 'S e aon dhe na buannachdan mu bhith a' losgadh mòine airson connadh gu bheil i glè dhoirbh a smàladh an dèigh a bhith na teine. Chan e sealladh neo-chumanta a th' ann a bhith a' faicinn cruachan mònadh an siud 's an seo anns na h-Eilean anSiar ann an Alba. Gu toiseach nan 1900an bhiodh bucaid mhònadh coltach ris an tè seo aig mòran sgoiltean. Ann am mòran sgìrean bhiodh clann sgoile a' toirt leotha fàd mònadh an duine gus an clasrum a theasachadh anns a' gheamhradh.<br /> <br /> B' e sgoil air a dèanamh le fiodh agus iarann liorcach a chaidh a thogail an toiseach ann am paraiste Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis a bh' ann an Sgoil a' Chnuic Bhàin. Bha clasrum, seòmar-chleòcan, stòr tidseir agus taigh-beag ann an sgoiltean dhen t-seòrsa seo. Chaidh Sgoil a' Chnuic Bhàin ath-thogail aig Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd ann an Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 1999 agus tha i air a bhith air a sgeadachadh gus a bhith coltach ri sgoil ann an 1937