Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cataibh - Loch Uinnseort faisg air Ruigh Còinnich agus Ceann Loch Biorbhaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3681
ÀITE
Loch Uinnseort
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
35517
KEYWORDS
lochan
beanntan
iasgach
Sutherland - Loch Inchard near Rhiconich and Kinlochbervie Sutherland

Cairt-phuist de shealladh bho Loch Uinnseort, Cataibh.

'S e Loch Uinnseort, dìreach deas air A' Pharbh aon de na lochan mara as fhaide gu tuath air oirthir a tuath na h-Alba. Tha e ainmeil airson a' phuirt iasgaich Ceann Loch Biorbhaidh a tha stèidhichte aig Loch Uinnseort agus Loch Clais a tha ri thaobh. Tha obair iasgach bhradain air a ruith à Loch Clais agus tha maorach air an tuathanachas ann an Loch Uinnseort.

Tha an t-ainm 'Sutherland' a' dol air ais chun an àm nuair a bha na Lochlannaich a' riaghladh a' chuid mhòr den Ghàidhealtachd agus na h-Eileannan, gu h-àraidh anns a' cheann a tuath agus anns an iar, a bha 's dòcha aig àirde tràth san 11mh linn, nuair a bha Sigurd the Stout (Sigurd Tapaidh/Garbh) na jarl air Arcaibh. Aig an àm sin b' e Suðrland am fearann gu deas air, no ann an ceann a deas Ghallaibh Lochlannach. Mar shiorrachd Albannach, tha Cataibh cuideachd a' gabhail a-steach fearann a tha an iar air siorrachd Ghallaibh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cataibh - Loch Uinnseort faisg air Ruigh Còinnich agus Ceann Loch Biorbhaidh

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

lochan; beanntan; iasgach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Cairt-phuist de shealladh bho Loch Uinnseort, Cataibh.<br /> <br /> 'S e Loch Uinnseort, dìreach deas air A' Pharbh aon de na lochan mara as fhaide gu tuath air oirthir a tuath na h-Alba. Tha e ainmeil airson a' phuirt iasgaich Ceann Loch Biorbhaidh a tha stèidhichte aig Loch Uinnseort agus Loch Clais a tha ri thaobh. Tha obair iasgach bhradain air a ruith à Loch Clais agus tha maorach air an tuathanachas ann an Loch Uinnseort.<br /> <br /> Tha an t-ainm 'Sutherland' a' dol air ais chun an àm nuair a bha na Lochlannaich a' riaghladh a' chuid mhòr den Ghàidhealtachd agus na h-Eileannan, gu h-àraidh anns a' cheann a tuath agus anns an iar, a bha 's dòcha aig àirde tràth san 11mh linn, nuair a bha Sigurd the Stout (Sigurd Tapaidh/Garbh) na jarl air Arcaibh. Aig an àm sin b' e Suðrland am fearann gu deas air, no ann an ceann a deas Ghallaibh Lochlannach. Mar shiorrachd Albannach, tha Cataibh cuideachd a' gabhail a-steach fearann a tha an iar air siorrachd Ghallaibh