Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fionne Bheinn, Arcail agus Beinn Stac à Bada Call faisg air Ceann Loch Biorbhaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3738
ÀITE
Ceann Loch Biorbhaidh
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
AITHNEACHADH MAOINE
35574
KEYWORDS
beanntan
lochan
Foinaven, Arkle and Ben Stack from Badcall near Kinlochbervie

'S e beinn ann an Alba, suidhichte ann an oisean an fhìor iar-thuath Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann am Foinne Bheinn.

Tha Arcail suidhichte ann an fhìor oisean an iar-thuath de Ghàidhealtachd na h-Alba. Mar a co-bheinn Foinne Bheinn, tha a' bheinn air a dèanamh suas de chlach-eitig ghleansach Chambrianach, a chaidh a chur sìos mu 530 millean bliadhna air ais air stèidh mì-chòmhnard de ghneiss Leòdhasach.

'S e beinn suidhichte ann an siorrachd Chataibh a th' ann am Beinn Stac. Tha i 721 meatair (2365 troigh) a dh'àirde innte. Tha i an ear-dheas air Drochaid Lusaird agus an iar-thuath air Loch Mòr agus baile Luirg, air rathad an A838, agus dìreach an iar air Loch Stac tarsainn an A838.

Tha Bada Call air a dhèanamh suas de dhà bhaile beag, Bada Call Iarach agus Bada Call Uarach. Tha iad suidhichte faisg air an oirthir faisg air na h-Innse Gall. Tha Bada Call suidhichte dà mhìle (3 km) a deas air Sgobhairidh, a tha air taobh an iar Bàgh Bhada Call, agus tha Bada Call Iarach chun an ear. Tha tobhta stèisean èisg a bh' ann roimhe ann agus tha tuathanachas èisg na ghnìomhachas ionadail cudromach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fionne Bheinn, Arcail agus Beinn Stac à Bada Call faisg air Ceann Loch Biorbhaidh

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

beanntan; lochan

Highland Libraries' Postcard Collection