Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Uinnseort, Beinn Stac agus Arcail à Ceann Loch Biorbhaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3739
ÀITE
Ceann Loch Biorbhaidh
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
35575
KEYWORDS
beanntan
lochan
Loch Inchard, Ben Stack and Arkle from Kinlochbervie

Tha Loch Uinnseort suidhichte beagan gu deas air A' Pharbh, agus 's e fear dhe na lochan-mara as fhaide gu tuath air taobh an iar na h-Alba. Tha e ainmeil air sgàth port-iasgaich Ceann Loch Biorbhaidh, a tha eadar Loch Uinnseort agus Loch Clais a tha ri thaobh. Tha obair iasgach bhradan ann an Loch Clais, agus tuathanas mhaorach ann an Loch Uinnseort.

Tha Arcail suidhichte ann an fhìor oisean an iar-thuath de Ghàidhealtachd na h-Alba. Mar a co-bheinn Foinne Bheinn, tha a' bheinn air a dèanamh suas de chlach-eitig ghleansach Chambrianach, a chaidh a chur sìos mu 530 millean bliadhna air ais air stèidh mì-chòmhnard de ghneiss Leòdhasach.

'S e beinn suidhichte ann an siorrachd Chataibh a th' ann am Beinn Stac. Tha i 721 meatair (2365 troigh) a dh'àirde innte. Tha i an ear-dheas air Drochaid Lusaird agus an iar-thuath air Loch Mòr agus baile Luirg, air rathad an A838, agus dìreach an iar air Loch Stac tarsainn an A838.

'S e baile cala a th' ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an iar-thuath Chataibh ann an roinn na Gàidhealtachd ann an Alba. Ann an 2001 b' e 480 an t-àireamh-sluaigh.

Tha a' mhòr-chuid den ghnìomhachas ionadail stèidhichte air gnìomhhachas an iasgaich. Ged a tha a' chabhlach shoithichean a tha stèidhichte ann an Ceann Loch Biorbhaidh gu math beag, tha mòran shoithichean bho oirthir an Ear na h-Alba a' cur na tha iad a' glacadh air tìr ann an Ceann Loch Biorbhaidh.

'S e an ionad-làimhseachaidh mòr èisg an nì as cudromaiche sa bhaile. Às an seo, tha luchdan èisg gan cur air trugaichean mòra fionnaraichte airson a ghiùlan air an rathad air feadh na Roinn Eòrpa. Tha cudrom a' cheangail seo ris an t-saoghal mhòr a-muigh agus ris an eaconamaidh ionadail a' ciallachadh gu bheil ceanglaichean rathaid math aig Ceann Loch Biorbhaidh, nuair a smaoinichear air cho iomallach 's a tha e agus an cruinn-eòlas doirbh corrach a tha san sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Uinnseort, Beinn Stac agus Arcail à Ceann Loch Biorbhaidh

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

beanntan; lochan

Highland Libraries

Highland Libraries' Postcard Collection