Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chuinneag agus Loch Asainte à Innis nan Damh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3744
ÀITE
Innis nan Damh
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
35580
KEYWORDS
beanntan
aibhnichean
Quinaig and Loch Assynt, from Inchnadamph

'S e beinn mhòr ainmeil a th' anns A' Chuinneag ann an Asainte, Cataibh. Tha trì binneanan shònraichte oirre a tha nan 'Corbetts' (beanntan Albannach eadar 2500 troigh agus 3000 troigh le teàrnadh de 500 troigh air gach taobh) air an druim a tha na chumadh 'Y'. 'S e An t-Sàil Gharbh aig 808m (2651 troigh) as àirde dhiubh agus an uair sin An t-Sàil Ghorm (776m/2546 troigh) agus Spidean Còinnich (764m/2506 troigh). A thaobh clach-eòlas, tha A' Chuinneag air a dèanamh suas le clach-ghainmhich Thoirbheartan air gneiss Leodhasach le beagan clach-èite Chambrianach. 'S e Beurlachas air a' Ghàidhlig 'cuinneag' a' ciallachadh peile bleoghainn, air sgàth cumadh na beinne, a th' anns an ainm.

Chaidh Oighreachd Chuinneig, le 8400 acaire a cheannach le Urras Iain Muir ann an 2005.

Chaidh taigh-seinnse dhròbhair a thogail an seo an toiseach ann am meadhan na h-ochdamh linn deug. Aig deireadh na h-ochdamh linn deug chaidh ghabh taigh-seinnse coidse nas susbaintiche àite. An-diugh tha Taigh-òsta Innis nam Damh ainmeil do luchd-iasgaich-slait agus luchd-coiseachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chuinneag agus Loch Asainte à Innis nan Damh

CATAIBH: Asaint

beanntan; aibhnichean

Highland Libraries

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e beinn mhòr ainmeil a th' anns A' Chuinneag ann an Asainte, Cataibh. Tha trì binneanan shònraichte oirre a tha nan 'Corbetts' (beanntan Albannach eadar 2500 troigh agus 3000 troigh le teàrnadh de 500 troigh air gach taobh) air an druim a tha na chumadh 'Y'. 'S e An t-Sàil Gharbh aig 808m (2651 troigh) as àirde dhiubh agus an uair sin An t-Sàil Ghorm (776m/2546 troigh) agus Spidean Còinnich (764m/2506 troigh). A thaobh clach-eòlas, tha A' Chuinneag air a dèanamh suas le clach-ghainmhich Thoirbheartan air gneiss Leodhasach le beagan clach-èite Chambrianach. 'S e Beurlachas air a' Ghàidhlig 'cuinneag' a' ciallachadh peile bleoghainn, air sgàth cumadh na beinne, a th' anns an ainm.<br /> <br /> Chaidh Oighreachd Chuinneig, le 8400 acaire a cheannach le Urras Iain Muir ann an 2005.<br /> <br /> Chaidh taigh-seinnse dhròbhair a thogail an seo an toiseach ann am meadhan na h-ochdamh linn deug. Aig deireadh na h-ochdamh linn deug chaidh ghabh taigh-seinnse coidse nas susbaintiche àite. An-diugh tha Taigh-òsta Innis nam Damh ainmeil do luchd-iasgaich-slait agus luchd-coiseachd.