Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sula-Bheinn, bhon Cham Loch, faisg air Loch an Inbhir
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3752
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
35588
KEYWORDS
beanntan
lochan
Suilven, from Cam Loch, near Lochinver

'S i Sula-Bheinn aon de na beanntan as sònraichte ann an Alba. Suidhichte ann an ceàrnaidh iomallach ann am fìor cheann an iar-thuath Chataibh, tha i ag èirigh cha mhòr dìreach à fàsach de mhòinteach, de bhoglaichan agus de lochain ris an canar Inbhir Pollaidh.

Tha a' bheinn a' cruthachadh druim le leòidean casa mu 2 chileameatair a dh'fhad. 'S e an Caisteal Liath a tha air an àite as àirde aig ceann an iar-thuath an droma seo.

Tha dà mhullach eile ann: tha Meall Meadhanach ann an teis meadhan an droma aig 723m de dh'àirde, agus tha Meall Beag aig ceann an ear-dheas an droma.

Tha Cam Loch aig An Leathad Mòr ann an Cataibh furasta a ruigsinn agus tha mu 100 troigh de dhoimhe ann agus tha e 2.5 mìle a leud.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sula-Bheinn, bhon Cham Loch, faisg air Loch an Inbhir

CATAIBH: Asaint

beanntan; lochan

Highland Libraries

Highland Libraries' Postcard Collection