Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sula-Bheinn agus Canasp bho Loch Suaralain, Loch an Inbhir
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3754
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
35590
KEYWORDS
beanntan
lochan
Suilven and Canisp from Loch Swordalain, Lochinver

'S e beinn ann am fìor cheann an iar-thuath na h-Alba a th' ann an Canasp. Tha i suidhichte ann am paraiste Asainte 25 cilemeatair gu tuath air Ulapul. Tha Canasp a' ruighinn àirde 2779 troigh agus tha inbhe Corbett agus Marilyn aice. Tha ainm na beinne a' tighinn bhon t-seann chànan Lochlannach a' ciallachadh "Beinn Bhàn".

'S i Sula-Bheinn aon de na beanntan as sònraichte ann an Alba. Suidhichte ann an ceàrnaidh iomallach ann am fìor cheann an iar-thuath Chataibh, tha i ag èirigh cha mhòr dìreach à fàsach de mhòinteach, de bhoglaichan agus de lochain ris an canar Inbhir Pollaidh.

Tha a' bheinn a' cruthachadh druim le leòidean casa mu 2 chileameatair a dh'fhad. 'S e an Caisteal Liath a tha air an àite as àirde aig ceann an iar-thuath an droma seo.

Tha dà mhullach eile ann: tha Meall Meadhanach ann an teis meadhan an droma aig 723m de dh'àirde, agus tha Meall Beag aig ceann an ear-dheas an droma.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sula-Bheinn agus Canasp bho Loch Suaralain, Loch an Inbhir

CATAIBH: Asaint

beanntan; lochan

Highland Libraries

Highland Libraries' Postcard Collection