Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Inbhir le Canasp agus Sula-bheinn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3757
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
AITHNEACHADH MAOINE
35593
KEYWORDS
beanntan
lochan
bailtean
Lochinver with Canisp and Suilven

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn baile Loch an Inbhir, ann an sgìre Asainte de Chataibh. Chithear binnean cruinn Shula-Bheinn ann an cùl an deilbh.

Tha Loch an Inbhir suidhichte aig beul Abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch an Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.

'S e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th' ann an dà bhinnean Shula-Bheinn, air bunait Gneiss Leòdhasach. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson Beinn Stac. Tha am mullach as àirde, ris an canar Caisteal Liath cuideachd, air an taobh an iar, 2398 troighean (731m) a dh'àirde. Tha am binnean as ìsle agus nas bioraiche aig 2372 troighean (723m) a dh'àirde.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Inbhir le Canasp agus Sula-bheinn

CATAIBH: Asaint

beanntan; lochan; bailtean

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn baile Loch an Inbhir, ann an sgìre Asainte de Chataibh. Chithear binnean cruinn Shula-Bheinn ann an cùl an deilbh.<br /> <br /> Tha Loch an Inbhir suidhichte aig beul Abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch an Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.<br /> <br /> 'S e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th' ann an dà bhinnean Shula-Bheinn, air bunait Gneiss Leòdhasach. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson Beinn Stac. Tha am mullach as àirde, ris an canar Caisteal Liath cuideachd, air an taobh an iar, 2398 troighean (731m) a dh'àirde. Tha am binnean as ìsle agus nas bioraiche aig 2372 troighean (723m) a dh'àirde.