Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chuinneag bho Abhainn Inbhir
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_3763
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Libraries
AITHNEACHADH MAOINE
35599
KEYWORDS
beanntan
aibhnichean
Quinag from the River Inver

'S e beinn mhòr ainmeil a th' anns A' Chuinneag ann an Asainte, Cataibh. Tha trì binneanan shònraichte oirre a tha nan 'Corbetts' (beanntan Albannach eadar 2500 troigh agus 3000 troigh le teàrnadh de 500 troigh air gach taobh) air an druim a tha na chumadh 'Y'. 'S e An t-Sàil Gharbh aig 808m (2651 troigh) as àirde dhiubh agus an uair sin An t-Sàil Ghorm (776m/2546 troigh) agus Spidean Còinnich (764m/2506 troigh). A thaobh clach-eòlas, tha A' Chuinneag air a dèanamh suas le clach-ghainmhich Thoirbheartan air gneiss Leodhasach le beagan clach-èite Chambrianach. 'S e Beurlachas air a' Ghàidhlig 'cuinneag' a' ciallachadh peile bleoghainn, air sgàth cumadh na beinne, a th' anns an ainm.

Chaidh Oighreachd Chuinneig, le 8400 acaire a cheannach le Urras Iain Muir ann an 2005.

Tha Loch an Inbhir suidhichte aig beul Abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch an Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chuinneag bho Abhainn Inbhir

CATAIBH

beanntan; aibhnichean

Highland Libraries

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e beinn mhòr ainmeil a th' anns A' Chuinneag ann an Asainte, Cataibh. Tha trì binneanan shònraichte oirre a tha nan 'Corbetts' (beanntan Albannach eadar 2500 troigh agus 3000 troigh le teàrnadh de 500 troigh air gach taobh) air an druim a tha na chumadh 'Y'. 'S e An t-Sàil Gharbh aig 808m (2651 troigh) as àirde dhiubh agus an uair sin An t-Sàil Ghorm (776m/2546 troigh) agus Spidean Còinnich (764m/2506 troigh). A thaobh clach-eòlas, tha A' Chuinneag air a dèanamh suas le clach-ghainmhich Thoirbheartan air gneiss Leodhasach le beagan clach-èite Chambrianach. 'S e Beurlachas air a' Ghàidhlig 'cuinneag' a' ciallachadh peile bleoghainn, air sgàth cumadh na beinne, a th' anns an ainm.<br /> <br /> Chaidh Oighreachd Chuinneig, le 8400 acaire a cheannach le Urras Iain Muir ann an 2005.<br /> <br /> Tha Loch an Inbhir suidhichte aig beul Abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch an Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.